La Mesa
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula
Mapa a' bhaile
Sealladh air a' bhaile
Suidheachadh
Dùthaich Coloimbia
Roinn Cundinamarca
Sgìre Tequendama
Àirde 1200m
Co-chomharran 04° 37' 49' Tuath
74° 27' 45' Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 148 km²
Àireamh-shluaigh 27,165 (2005)
Dlùths 183.55/km²
Duilleag oifigeil Comhairle a’ Bhaile

'S e baile beag ann an Cundinamarca,[1] Coloimbia,[2] a th' ann an La Mesa neo Guayabal de la Mesa. Tha e suidhichte ann am meadhan na dùthcha aig 1200m os cionn ìre na mara agus 65km air falbh bho Bhogotá, prìomh-bhaile na dùthcha. 'S e baile le gnàth-shìde bhlàth a th' ann agus tha teodhachd mheadhanach mu 22˚ aige, rè na bliadhna. Chaidh am baile a steidheachadh ann an 1777.

Freumhan an Ainm deasaich

Tha na h-ùghdarrasan iondail dhen bheachd gur e Doyma an t-seann ainm an tug na Tùsanaich Panche air an àite seo mus do ràinig na Spàinntich[3]. Tha an t-ainm La Mesa a' ciallachadh faiche àrd ann an Spàinntis oir tha am baile suidhichte ann an àite àrd shuas ann am beanntan na h-Andes. 'S e achadh chraoibh Guava a th'ann Guayabal, meas troipeagach le ainm Arawak.[4] Tha an t-iar-leasachan -al a' ciallachadh àite làn chraobh neo doire-choille,[5] m.e: El Rosal ann an Cundinamarca neo Chaparral ann an Tolima.

Sluagh a' bhaile deasaich

Tha 27,165 nan tàmh anns a' bhaile fa leth, ach chan eil ach 12,963 dhuibh a’ fuireach thall anns na sgìrean dùthchasail am broinn crìochan a' bhaile.[6] Tha fearann na dùthcha sin ga roinn eadar na bailtean (Spàinntis: municipios) agus le sin tha gach clachan agus croit fo stiùireadh baile air choireigin.[7] Air adhbharan trioblaidean poiliteagach air an dùthaich, tha a' mhòr-chuid dhe na daoine anns gach uile baile a-nis a' fuireach anns na bailtean fhèin, is na daoine a' fàgail na sgìrean dùthchasail.

Taobh chinnidh, ' s e daoine geala/mestizos a th'ann a' mhòr-chuid dhe na daoine ann an La Mesa, ach tha 0.1% dhe daoine le freumhan ann an Afraga. ' S urrainn dhan 87.9% dhe na daoine ann an La Mesa leughadh agus sgrìobhadh. A tuilleadh air sin, chan eil fòn aig an taigh ach aig 40.5% dhe na dachannan.[8]

Fèisean deasaich

Thathar a’ cumail am iomadach seòrsa dhe fhèis ann am La Mesa. Chithear fèilltean caitligeach, leis gur e dùthaich le mòr-chuid chaitligeach a th’ann fhathast,[9] fèisean na stàite agus tachartasan ionadail a sheallas cho làidir ‘s a tha beairteas cultarail na dùthcha.

Iomraidhean deasaich

  1. Mapa na Roinne
  2. Dùthchannan aig SMO
  3. Fiosrachadh a' ChomhairleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Real Academia decla Lengua
  5. Spanish about.com
  6. Figearan Oifis a' Chunntas-sluaigh
  7. Colombia Virtual
  8. Bileag fhiosrachaidh DANE
  9. Country Studies: Colombia

Ceanglaichean A-mach deasaich

An t-sìde ann an La Mesa