La Jolla
La Jolla | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Na Stàitean Aonaichte |
Ceàrn | San Diego |
Sgìre | Calafòrnia |
Co-chomharran | 32° 50 24' Tuath 117° 16 37′ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 42,808 (2004) |
Àireamh fòn | +1 (858) |
Duilleag oifigeil | http://www.LaJollaByTheSea.com |
‘S e baile beairteach agus port air an àirde an iar Nan Stàitean Aonaichte a th’ ann an La Jolla. Thathar dhen bheachd gur ann às an Spàinntis La Joya (Gàidhlig: An Seud) neo am facal Tùsanach Mat Kulaaxuuy (Gàidhlig: Na Tollan) a th’ ann ainm a’ bhaile. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann am 1850. Tha e suidhichte ri taobh a’ Chuain Sheimh, anns an stàit Calafòrnia, air iomall Shan Diego. Tha am baile 3,657km air falbh bho Washington, D.C. (Prìomh-bhaile na dùthcha), 161km bho Los Angeles, 2,786km bho Chicago agus 2,516km bho St. Louis.[1] Tha 42,808 duine a' fuireach anns a’ bhaile. Chaidh Oilthigh UCSD a stèidheachadh an seo ann an 1960.[2] A bharrachd air sin, tha prìsean nan taighean as àirde ann an La Jolla na ann an àite eile sam bith anns Na Stàitean Aonaichte, leis cho beairteach ‘s a tha muinntir a’ bhaile. Chaochail an Ceimigear Harold Clayton Urey an seo ann an 1981.
Gràin air Iùdhaich
deasaichCheannaich William H. Black 248 acair de dh'fhearann ann an La Jolla ann an 1948 agus cha do reic e no ceannaichean-seilbhe fearann airson taighean a thogail ri Iùdhaich ged a bha seo mì-laghail o 1948. Rinn Roger Revelle, fear de na stèidheadairean UCSD, iomairt an aghaidh sin agus bha roghainn fo chomhair nan ceannaichean-seilbhe: an do dh'iarr iad oilthigh ann an La Jolla no cùmhnant an aghaidh nan Iùdhach? Chaidh an t-oilthigh a stèidheachadh agus a-nise tha daoine Iùdhach ann agus sionagogan cuideachd.[3]
Daoine ainmeil
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Distance Calculator
- ↑ UCSD
- ↑ “A Look Back At the Past of Housing Discrimination in La Jolla”. Baile La Jolla. Air a thogail 4mh dhen Dàmhair 2023.