Tha Kirsteen NicDhòmhnaill (18 Dùbhlachd 1983) na craoladair sa Ghàidhlig.

Kirsteen NicDhòmhnaill
Beatha
Breith Inbhir Nis, 18 dhen Dùbhlachd 1983
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Acadamh Allt a' Mhuilinn
Sabhal Mòr Ostaig
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-naidheachd
Fastaichean BBC Scotland

Tha i a' toirt seachad an t-sìde air An Là. Tha i à Inbhir Nis agus ghabh i pàirt ann am Mòd Nàiseanta Rìoghail sa bhliadhna 2006 agus 2008 far an do bhuannaich i Buinn Òir.

Eachdraidh a Beatha deasaich

Rugadh Kirsteen NicDhòmhnaill air 18 Dùbhlachd 1983 agus thogadh i ann an Inbhir Nis. Bha a màthair, Marjorie Nic a' Phearsain, à Polnish, Loch Àilleart ann an sgìre Mhùideart agus 's ann à Baile Eilidh a tha a h-athair, Tommy MacDhòmhnaill.

Chaidh i gu Bun-sgoil a' Mheadhain ann an Inbhir Nis far an d' fhuair i foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus an uair sin gu Àrd-sgoil Allt na Muilne. Cha robh facal Gàidhlig anns an dachaigh ged a bha Gàidhlig aig athair a màthar.

Seinn deasaich

Bhrosnaich an tidsear aice, Lisa Storey, ri bhith seinn ann an co-fharpaisean nam Mòdan Ionadail agus Nàiseanta. Ann an Àrd-sgoil Allt na Muilne, 's i Seònaid NicGriogair a chuidich i le òrain a' Mhòid agus òrain a sheinneadh i aig cèilidhean agus cuirmean.

Rinn i BA (le Urram) ann an Cànan agus Cultair na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach. Fhad 's a bha i aig Sabhal Mòr b' i Cairistìona Primrose a bha ga cuideachadh agus a' toirt comhairle dhith a thaobh òran.

Bhuannaich Kirsteen Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2006 aig Mòd Dhùn Omhain le cuideachadh a' deasachadh bho Cheana Chaimbeul. Fhuair i an Bonn Òir airson seinn san t-Seann Nòs ann an 2008 anns an Eaglais Bhric, agus Bonn Òir Tìm an Òbain ann an 2009 aig Mòd an Òbain. Tha i cuideachd na ball de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu.

Craoladh deasaich

Thòisich e air prògram na cloinne Dè a-nis?. Bha i an uair sin na neach-naidheachd aig BBC Radio nan Gàidheal. Tha i a-nise a' toirt seachad naidheachdan na h-aimsir air an telebhisean air BBC Alba agus do Reporting Scotland an-dràsta is a-rithist.

Iomraidhean deasaich