B' e gobha agus innleadair à Alba a bh' ann an Kirkpatrick MacMillan (Cathair, 2 an t-Sultain 1812 - Ibidem, 26 am Faoilleach 1878.[1] Thogadh e ann an sgìre dhùthchail ann an Siorrachd Dhùn Phris (Dùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh an latha an-diugh) ann an teaghlach luchd na tuatha uabhasach fhèin bochd: bha athair na ghobha roimhe agus rinn Kirkpatrick MacMillan preantasachd fodha. Fhuair e a chuid foghlaim san sgìre aigese fhèin agus dh'fhag e an sgoil nuair a bha e 12 bliadhna a dh'aois.[2] Rinn e a' chiad rothair - air an robh velocipede - ann an 1839 agus, an ceann trì bliadhna ann an 1842, chaidh e a Ghlaschu air a velocipede. Mhair an turas dìreach dà latha. Chaidh càin a thoirt dha, air sgàth 's gun do chuir e nighean òg ri làr ann an Gort a' Bhaile.[3] Chithear eisimpleir a velocipede ann an mòr-bhùth Loreburn an Dùn Phris agus fear eile san taigh-tasgaidh Riverside an Glaschu. 'S ann a dà fhacal ann an Laideann a thàinig an t-ainm: velox (luath) agus pedes (cas). Phòs Kirkpatrick MacMillan aig Elizabeth Gordon (Elsie) Goldie ann an 1854 agus fhuair iad sianar daoine-cloinne còmhla.[4]

Kirkpatrick MacMillan
Beatha
Breith Cathair, 2 dhen t-Sultain 1812
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte na Breatainne Mòire agus Èireann
Bàs Cathair, 26 dhen Fhaoilleach 1878
Dreuchd
Dreuchd gobha agus innleachdair

Iomraidhean

deasaich
  1. Undiscovered Scotland
  2. The Famous People
  3. BBC
  4. My Heritage