Königswinter
Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Rhein-Sieg-Kreis
Sgìre Nordrhein-Westfalen
Co-chomharran 50° 40′ 36″ T
7° 11′ 29″ E
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 76.17 km²
Àireamh-shluaigh 39.908 (31 an Dùbhlachd 2012)
Dlùths 0.52/km²
Àireamh fòn 0049-2223 (Königswinter) agus 0049-2241 (Königswinter-Oberpleis)
Duilleag oifigeil koenigswinter.kale.braincms.de

`S e baile anns an sgìre Rhein-Sieg-Kreis ann an Nordrhein-Westfalen sa’ Ghearmailt, a tha ann an Königswinter. Tha mu 40.000 neach a’ fuireach ann. Tha Königswinter suidhichte eadar bruach an Ear abhainn Rhein agus an Siebengebirge (na seachd beanntan) mu choinneimh baile Bhonn. `S e am Petersberg aon de na seachd beanntan seo. Air mullach na beine tha taigh-òsta mòr ainmeil far an tachair mòran cho-labhairtean nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Sealladh bhon Drachenfels air Königswinter

`S e Drachenfels an t-ainm a tha air aon de na beanntan eile. Tha a' bheinn seo ainmeil ann an saoghal na turasachd on a chaidh bàrdachd le Lord Byron fhoillseachadh, The castled craig of Drachenfels.

Eachdraidh deasaich

Cultar deasaich

Eaconomaidh deasaich

Is e baile turasachd a tha ann an Königswinter. On a chaidh na ciad Sasannaich beartach air an "Grand Tour" suas an Rhein don bhaile, chaidh bun-structar turasachd a leudachadh, thogadh taighean-òsta, taighean-bìdh agus chaidh treinn-beinne gu mullach dà bheinn, am Petersberg agus an Drachenfels fhosgladh ann an 1883. Bidh na bàtaichean mòra turasachd a' tadhail air Königswinter, an cuid as motha às an Òlaind air an turas don Eilbheis. Tha an t-slighe-choiseachd Rheinsteig a' dol tron Siebengebirge (na seachd beanntan), slighe a thòisicheas ann am Bonn agus a tha a' ruith gu ruige Wiesbaden.

Tha factoraidhean mòra ann an Königswinter: Hayes-Lemmerz anns a' bhaile fhèin agus Dinova ann an Oberdollendorf ach tha an cuid as motha de mhuinntir a' bhaile ag obair ann am Bonn agus Köln.

Tha fìon a' fàs air bruachan an Siebengebirge.