John Nash
B' e matamataigear is eaconamaiche às na Stàitean Aonaichte a bh' ann an John Forbes Nash, Jr. (13 an t-Ògmhios 1928–23 an Cèitean 2015). Rugadh e ann am Bluefield, West Virginia. Dh'eug e còmhla ris a mhnaoi ann an tubaiste rathaid ann am Monroe, New Jersey.
Còmhla ri Reinhard Selten agus John Harsanyi bhuannaich e an Duais Nobel ann an Eaconomachd ann an 1994 airson na h-anailis aca de co-chothroman ann an geamaichean nach eil co-obrachail.[1]
Rinn Ron Howard film, A Beautiful Mind, mu bheatha Nash, suidhichte air eachdraidh-bheatha le Sylvia Nasar. Tha am film a' sealltainn na trioblaide aig Nash eadar a dheagh inntinn matamataigeach agus an tinneas schizophrenia a bha aige. Bhuannaich am film ceithir Oscars.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “The Sveriges Riksbank Prize in Economic Sciences in Memory of Alfred Nobel”. Nobel Media AB. Air a thogail 23mh dhen Chèitean 2018.
- ↑ “A Beautiful Mind (2001)”. IMDb. Air a thogail 23mh dhen Chèitean 2018.