John Horton Conway
B' e matamataigear à Sasainn a bha ann an John Horton Conway. Tha e ainmeil airson obrach air geamaichean agus air teòiridh nam buidhnean.
Rugadh is thogadh e ann am Poll a' Ghrùthain is bha e na oileanach aig Oilthigh Chambridge, far an do dh'ionnsaich e matamataig is sgrìobh e an-sin tràchdas. An dèidh sin dh'obair e mar òraidiche aig Cambridge is ann an 1970 lorg e àireamhan os-fhìreach is dh'innlich e Geama na Beatha. Bha e ag obair aig Cambridge air teòiridh nam buidhnean gu ruige 1987, nuair a chaidh e na ollamh aig Oilthigh Phrinceton.[1] Chaochail e an dèidh dha COVID-19 fhaighinn ann an 2020.[2]
Leabhraichean
deasaichUrraman
deasaichChaidh e na Bhall den Chomann Rìoghail ann an 1981.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Roberts, Siobhan: “John Horton Conway: the world’s most charismatic mathematician”. 23mh dhen Iuchar 2015. Air a thogail 12mh dhen Ghiblean 2020.
- ↑ 2.0 2.1 2.2 2.3 Zandorella, Catherine: “Mathematician John Horton Conway, a ‘magical genius’ known for inventing the ‘Game of Life,’ dies at age 82”, Oilthigh Phrinceton. 14mh dhen Ghiblean 2020. Air a thogail 21mh dhen Ghiblean 2020.