John Beag Ó Flatharta
'S e seinneadair agus craoladair Èireannach à Leitir Mealláin a th' ann an John Beag Ó Flatharta . Thòisich e a’ seinn aig deireadh nan 1970n. Bho 1980, tha e air measgachadh de cheòl dùthchail agus òrain anns an t-seann-nòs a fhoillseachadh ris a’ chòmhlan aige, Na hAncairí.
John Beag Ó Flatharta | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Lettermullen (en) , |
Dùthaich | Poblachd na h-Èireann |
Foghlam | |
Cànain | Gaeilge |
Dreuchd | |
Dreuchd | craoladair agus seinneadair |
Fastaichean | RTÉ Raidió na Gaeltachta (en) |
An dèidh dha Anna Hargraves a phòsadh, rinn iad eilthireachd dha na Stàitean Aonaichte, ach chaochail i òg agus d'fhàg i John Beag ris fhèin còmhla ris am mac òg aca, Liam. Thill John Beag agus Liam a dh’Èirinn ann an 2007. Fhuair John Beag obair ri Raidió na Gaeltachta, agus lean e air a’ sgaoileadh clàran ùra.
Òrain
deasaichTha na h-òrain aige a’ dèiligeadh ri diofar chuspairean a tha cudromach do choimhearsnachd Chonamara: fògaradh, coimheachas is gaol, agus am muir. Chluich John Chóil a' Breathnaigh às an Trá Báin am bogsa-ciùil air a’ chiad chlàr aige, ‘Faoi Lán tSeoil’, ach chleachd Iain Beag measgachadh de luchd-ciùil air a’ chuid eile dhe na clàran aige.
'S iad 'Amhrán Chuigéil' (mu dheidhinn rèisean hùicèirean na Gaillimhe) a bh' air a' chlàr 'Faoi Lán tSeoil', 'The Nazarene Song' (a sgrìobh Eddie Ó Conghaile mun droch shìde aig muir), agus 'Amhrán Mháinis' (òran caoinidh traidiseanta) na h-òrain as ainmeile a th' aige .
Aithneachadh
deasaichAnns a’ bhliadhna 2022, chaidh Duais RTÉ Raidió na Gaeltachta a thoirt do John Beag, airson an obair a rinn e ar son cànan agus coimhearsneachd na Gàidhlig agus na Gaeltachta.
Clàran
deasaichBliadhna | Ainm | Leubail | Fòrmat | Cànan |
---|---|---|---|---|
? (chaidh ath-fhoillseachadh ann an 2018) | Faoi Lán tSeoil | Trad Ireland | CD, Cèiseag | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
1990 | Fiche Amhrán 1980-1990 | Cló Iar-Chonnacht | Cèiseag | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
1990 | Ar Bord Leis na hAncarí | Cló Iar-Chonnacht | Cèiseag | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
1992 | An Lochán | Cló Iar-Chonnacht | Cèiseag | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
1993 | Tá an Workhouse lán | Cló Iar-Chonnacht | CD, Cèiseag, Luchdadh a-nuas digiteach | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
1994 | The Winds of Freedom | Cló Iar-Chonnacht | Luchdadh a-nuas digiteach, CD | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
2010 | Coinnigh léi a Sheáin | John Beag Ó Flatharta | CD | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
2012 | Amigo mo mhéit | John Beag Ó Flatharta | Luchdadh a-nuas digiteach | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
2017 | The Banks of Casheen Bay | John Beag Ó Flatharta | CD | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |
2020 | Roots n' Raithneach | John Beag Ó Flatharta | CD | Gàidhlig na h-Éireann, Beurla |