Jan Tinbergen
B' e eaconamaiche às na Tìrean Ìsle a bha ann an Jan Tinbergen (Den Haag, 12 an Giblean 1903–Den Haag, 9 an t-Ògmhios 1994).
Còmhla ri Ragnar Frisch bhuannaich e a' chiad Duais Nobel ann an Eaconomachd ann an 1969 airson an obrach air modailean daineamaig phròiseasan eaconamach.[1]
Rugadh e ann an Den Haag is bha e na oileanach aig Oilthigh Leiden far an do dh'ionnsaich e matamataig is fiosaig teòiridheach agus thachair e ri Paul Ehrenfest. B' e neach-gearain cogaiseach a bh' ann is an àite seirbheis san arm dh'obair e sa' phrìosan ann an Rotterdam. Dh'imrich e do Àrd-Bhiùro Statastaigs ann an 1928 an dèidh do còig mìosan (de 15) sa' phrìosan is chuir e a theusais, Minimumproblemen in de natuurkunde en de ekonomie, a-steach ann an 1929. Chaidh e na àrd-ollamh aig a' Sgoil Nàiseanta na Tìrean Ìsle ann an 1933 is mhair e an siud gu 1973. Chaidh e cuideachd na stiùiriche Biùro Planaidh Mheadhanach o 1943.[2]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “The Sveriges Riksbank Prize in Economic Sciences in Memory of Alfred Nobel 1969”. Nobel Media AB. Air a thogail 12mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ “Tinbergen biography”. Oilthigh Cill Rìmhinn. Air a thogail 12mh dhen Ghiblean 2018.