Iolair
(Air ath-sheòladh o Iolaire)
A-measg eunlaith an adhair chan eil a h-aon cho làidir agus cho garg ris an iolair no iolaire[1][2][3] (iolra: iolairean).
Àite-còmhnaidh agus cobhartach
deasaichNì i a nead ann an sgeirean àrd-chreagan, fada bho àite-còmhnaidh dhaoine; agus nuair a bheir i a-mach a h-àl, altramaidh i le pailteas de shitheann iad. Marbhaidh i cearcan-fraoich, agus uain, agus air uairibh caoraich air an son, agus cha leig i dìth ni air bith orra gus am fàs iad làidir agus comasach gu solaradh air an son fhèin.
Rèis-bheatha
deasaichMairidh an iolair beò gus am bi i dlùth air leth-cheud bliadhna. Tha seòl aice air a clòimh a thilgeil nuair a tha i a' fàs trom agus mall, agus air an dòigh seo tha i ga neartachadh fhèin mar gun tilleadh a h-òige a-rithist.
Sean-fhacal an t-Salmadair
deasaich- Gun sàsaich maitheas an Tighearna beul an duine, air chor is gun ath-nuadhaichear a òige mar òige na h-iolaire.
Faic cuideachd
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ An Seotal: Briathrachas Gàidhlig air-loidhne airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leughte 9 Faoi. 2015
- ↑ Faclair LearnGaelic.net Leughte 9 Faoi. 2015
- ↑ Am Faclair Beag Leughte 9 Faoi. 2015
Ceanglaichean a-mach
deasaich- gun urra (6mh dhen Iuchar 1895): “An Iolair,” ann an: Mac-Talla, àir. 4, td. 6. Air a thogail 31mh dhen Dàmhair 2024.