Iain MacDhòmhnaill
Bha Iain MacDhòmhnaill (Beurla:Sir John A. Macdonald; 11 am Faoilleach, 1815–6 an t-Ògmhios, 1891) na ciad prìomhair Chanada, airson a' phartaidh Tòraidh (Liberal-Conservative Party of Canada). Chum e reachd eadar 1867 is 1873, agus a-rithist eadar 1878 is 1891 nuair a bhàsaich e anns an oifis. Rugadh e ann an Alba is thàinig a theaghlach à Glaschu do Chanada nuair a bha e còig bliadhna a dh'aois.[1] Air sgàth 's gun do rugadh athair air a' Ghàidhealtachd, bha Gàidhlig fhileanta aige.[2]
Ann an 1867 - am bliadhna nuair a chaidh Canada a chruthachadh mar tighearnas den mhonarcachd Bhreatannaich - chaidh Iain MacDhòmhnaill a dhèanamh na ridire le Bànrigh Bhictoria.
Connspaid
deasaichChruthaich an riaghaltas MacDhòmhnaill siostam a chur 150 mìle clann nan tùsanach anns an sgoiltean-còmhnaidh far an deach an cànain is dualchasan a thoirmeasg is mar sin chur Riaghaltas na h-Alba Iain MacDhòmhnaill às na làraichean-lìn aice ann an 2018.[3]
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Sir John A. Macdonald: The Private Man”. Dictionary of Canadian Biography. Oilthigh Thoronto/Oilthigh Laval. Air a thogail 11mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ Stokes, Andrew (10mh dhen Mhàrt 2015): “Getting back to Gaelic”. Queen's Gazette. Queen's University. Air a thogail 11mh dhen Fhaoilleach 2019.
- ↑ “Sir John A Macdonald: Scotland disowns Canada's first PM”, BBC News. 22mh dhen Lùnasdal 2018. Air a thogail 11mh dhen Fhaoilleach 2019.