Honiara
Is e prìomh-bhaile na h-Eileanan Sholaimh a tha ann an Honiara . 'S e am baile as motha na dùthcha cuideachd. Anns a' bhliadhna 1999 bha 49,107 duine a' fuireach anns a' bhaile seo.
Thàinig an t-ainm Honiara bhon fhacal: Nagoniara, ainm bho thùs 'sa cànan Guadalcanal airson an àite seo. Tha e a' ciallachadh: “air beulaibh na gaoithe”. Ach cha b’ urrainn don luchd-bruidhne Beurla sin a ràdh, mar sin dheth dh'atharraich iad an t-ainm gu Honiara.