Gustave Strauven
B' e ailtire às Bheilg a bh' ann an Gustave Strauven.[1] (Schaerbeek, 23 an t-Ògmhios 1878 - Faverges, 19 am Màrt 1919). Fhuair e a chuid foghlaim fo Victor Horta sa Bheilg fhèin, a bharrachd air bliadhna ann an 1897 thall san Eilbheis fo Alfred Chiodera agus Theophil Tschudi ann an Zürich. Ged a rinn e iomadh taigh mar ailtire ann an stoidhl art nouveau barocach, 's ann dìreach airson an Taighe Saint Cyr anns A' Bhruiseal 's a tha e ainmeil an latha an-diugh. Fhuair an taigh Saint Cyr dubh chàin o ailtirean eile aig an àm leis cho barocach 's a bha e. Thug Gustave Strauven buaidh uabhasach fhèin làidir air Arthur Nelissen.
Gustave Strauven | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Schaerbeek (en) , 24 dhen Ògmhios 1878 |
Dùthaich | A' Bheilg |
Bàs | Faverges, 19 dhen Mhàrt 1919 |
Dreuchd | |
Dreuchd | ailtire |
Obraichean comharraichte | Taigh Saint Cyr |
Gluasad | Art Nouveau (en) |
gustavestrauven.brussels |