Gunnar Myrdal
B' e eaconamaiche às an t-Suain a bha ann an Karl Gunnar Myrdal (Skattungbyn, 6 an Dùbhlachd 1898 - Danderyd, 17 an Cèitean 1987). Thug e ceum bho Oilthigh Stockholm agus bha e na ollamh san Sgoil Eaconomais Stockholm cuideachd. Còmhla ri Friedrich Hayek bhuannaich e an Duais Nobel ann an Eaconomacachd ann an 1974. Phòs e aig Alva Reimer ann an 1924. Bha ise cuideachd na thè-poileataigs agus bhuannaich i an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1982. Sgrìobh iadsan an leabhar Kris i befolkningsfrågan (Staing ann an Ceist an t-Sluaigh) ann an 1934[1] B' iad an aon chàraid phòsta a bhuannaich an Duais Nobel ann an raointean eadar-dhealaichte agus ann am bliadhnaichean fa leth.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-mach
deasaich- Eachdraidh-bheatha (Beurla)