Atharrachadh na Gnàth-shìde

Atharraichean sa gnàth-shìde thar ceudan, mìltean agus milleanan de bhliadhnaichean ann an eachdraidh na Talmhainn, a’ toirt a-steach nan linntean-deighe agus a h-uile rud.
(Air ath-sheòladh o Global Warming)

Theirear Atharrachadh na Gnàth-shìde no Blàthachadh na Cruinne no Teasachadh na Cruinne ris an àrdachadh ann an teas meadhanach thar uachdar na Cruinne air sgàth CO₂ agus gasaichean eile bhith a’ dol san aile bho bhith a’ losgadh gual agus òla – àrdachadh a thòisich timcheall air a’ bhliadhna 1850 agus a tha a’ sìor togail astair sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.

Teothachd chuibheasach uachdar na Talmhainn (an taca ris a’ bhliadhna 1856)
Teasachadh ann an 50 bliadhna: an deichead 2011-2021 an taca ri mar a bha sna bliadhnaichean 1956-1976

Thathar an dùil ri duilgheadasan móra àiteachais ann an iomadh dùthaich agus acras agus gluasadan sluaigh, air sgàth atharrachaidhean gnàth-shìde leithid gainnead uisge, no cus uisge, no cus teasa, no cus fuachd no cus gaoithe. Chan urainnear bhith cinnteach ciamar a bhios an ghnàth-shìde ag atharrachadh anns gach sgìre fa leth. Dh’fhaodadh caochlaidean a thighinn air na mór-shruthan sàile sna cuantan móra a tha a’ toirt buaidh air an ghnàth-shìde mun timcheall. Thathar an dùil gun déid na mìltean de spèiseasan de lusan ’s de bheòthaichean à bith nuair a dh’atharraicheas an àrainneachd anns a bheil iad beò. Théid clàr na mara an àirde. Beagan an toiseach ach dona gu leòr gus sgrios a dhèanamh air eileanan ìseal sa Chuan Sèimh mar eisimpleir, air dùthchannan ìsle far a bheil na milleanan a’ fuireach agus air mór-bhailtean ìsle. An uair sin móran agus dha-rìreabh sgriosail nuair a leaghas an comhdadh deighe, cileameadairean de dhoimhneachd, a tha air Graonlainn. Nuair a thòiseachas an comhdach deighe a’ leaghadh, cha ghabh stad a chur air an leaghadh sin ann an dòigh sam bith.

Faic cuideachd

deasaich

Ceanglaichean a-mach

deasaich