B’ e an gearra-bhall (Laidinn Pinguinus impennis, Beurla ‘great auk’) eun-mara mòr, aig nach robh comas sgiathaidh, a chaidh à bith ann an meadhan an naoidheamh linn deug. Tha co-dhiù ochd ainmean Gàidhlig clàraichte air a shon, ged as e gearra-bhall am fear as aithnichte. Tha dùil gun do dh’èirich seo bho ainm an eòin ann an Lochlannais – geirfugl ‘eun-sleagha’ – às an tig ainm eile ann am Beurla – gairfowl.

Gearra-bhall san Taigh-tasgaidh Kelvingrove ann an Glaschu

B’ e an t-aon àite far an robh an gearra-bhall ri fhaighinn air Gàidhealtachd na h-Alba Stàc an Àrmainn ann an Hiort, far an deach am fear mu dheireadh ann am Breatainn a mharbhadh ann an 1840.

Ceanglaichean a-mach

deasaich

ScotlandsNature.blog 2020-09-24: Eun a’ Chinn Duibh air a bheil ‘Ceann-fionn’ - le Ruairidh MacIlleathain