Dùn Deòrsa
ʼS e daingneach cho mòr 's a tha am Breatainn a tha ann an Dùn Deòrsa (no “Gearastan Deòrsa”). Tha e air rubha 3km an iar-thuath air aʼ bhaile bheag Àird nan Saor agus mu 17km an ear air Inbhir Nis. Chaidh a thogail san 18mh Linn mar ghearastan do shaighdearan an riaghaltais a bha aʼ geàrd na Gàidhealtachd an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.
Chaidh tòiseachadh air obair a thogail sa bhliadhna 1748, le 1000 saighdear ga togail 's ga dhìon na làraich bho nàimhdean; bha e deiseil sa bhliadhna 1769. Ged a tha e fhathast air a chleachdadh mar dhachaigh do shaighdearan, tha e cuideachd fosgailte do luchd-tadhail aig a bheil ùidh ann an eachdraidh is dòigh-beatha an airm.
Anns an t-Sultain 2016, thuirt Rùnaire an Dìon, Michael Fallon, gun dùn an gearastan ann an 2032.[1]