Geamannan a' Cho-fhlaitheis
'S e tachartas spòrs a th' ann an Geamannan a' Cho-fhlaitheis.
Thig lùth-chleasaichean às a' Cho-fhlaitheas gus pàirt a ghabhail ann an iomadach spòrs. Thathas ag ràdh gur e an dàrna tachartas ioma-spòrs as motha air an t-saoghail as dèidh na Geamannan Olympic. Gabhaidh e àite ann am baile eadar-dhealaichte gach ceithir bliadhna.
'S e an Commonwealth Games Federation a tha os cionn rianachd nan Geamannan agus a bhios a' taghadh nam bàiltean far an gabh e àite.
Ann an 2014, bidh na ficheadamh Geamannan ann an Glaschu.
Eagrachadh
deasaichGed a tha 54 dùthchannan nam buill anns a' Cho-fhlaitheas, bidh 71 sgiobaidhean a' gabhail pàirt ann an Geamannan a' Cho-fhlaitheis. Tha siud air sgàth 's gum bi sgiobaidhean fa leth ag cuid a tha nan eilean, ranntairean no 'crown dependencies' mar sin air adhart. Tha sgiobaidhean fa leth aig na ceithir dùthchannan anns an Rìoghachd Aonaichte: Sasainn, Alba, a' Chuimrigh agus Eireann a Tuath.
Eachdraidh
deasaichChuireadh air bhog na Geamannan ann an 1930. Thachair e gach ceithir bliadhna on uair sin ach ann an 1942 agus 1946 air sgàth an Dàrna Cogaidh.
B' e an t-ainm 'British Empire Games' a bh' air an toiseach. Dh'atharraich an t-ainm ann an 1954 mar 'British Empire and Commonwealth Games' agus a-rithist ann an 1970 mar 'British Commonwealth Games'. Fhuair e ainm an latha an-diugh, na Commonwealth Games no Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann an 1978.
Gu ruige seo, ghabh na Geamannan àite ann an 18 bàiltean ann an 7 dùthchannan.
Ceanglaichean a-muigh
deasaich- Làrach-lìn oifigeil Glaschu 2014
- Làrach-lìn oifigeil Geamannan a' Cho-fhlaitheis
- Statistics (1911 to 2006)
- Brataichean Geamannan a' Cho-fhlaitheis