Chaidh geàrr-sgrìobhadh Tiro (Laideann: notae Tironianae) a dh'innleadh leis an rùnaire aig Cicero a rèir coltais, fear air an robh Marcus Tullius Tiro. Dh'innlich e na mìltean de chomharraidhean airson an t-siostam seo agus chaidh a leasachadh 's a chleachdadh fad ùine mhòr. 'S e siostam leth-lideach a th' ann.

Salm 68 ann an geàrr-sgrìobhadh Tiro

Eachdraidh

deasaich

Tha siostaman geàrr-sgrìobhaidh san Àirde an Iar a' dol air ais dhan 4mh linn ro Chrìosd agus fhad 's fhios dhuinne, 's e Xenophon a' chiad duine a chleachd siostam mar seo. 'S e notae an t-ainm a bh' air an t-siostam seo agus chan eil na sgrìobhadairean Ròmanach ag aontachadh idir cò dh'innlich a chiad dhiubh airson na Laidinn.

Dh'innlich Tiro an siostam aigesan mun bhliadhna 60 ro Chrìosd agus ged a chrìoch a chleachdadh an dèidh 1100, chunnacas e gu ruige na 17mh linn.[1][2][3]

 
Eisimpleirean de notae Tiro agus na dòighean air a chaidh an cur còmhla gus lidean nas iom-fhillte a chruthachadh dhe na comharran bunasach

An t-agusan

deasaich
 
Sanas rathaid ann am Baile Àtha Cliath a tha a' cleachdadh an t-agusan.

Cha deach an ampersand (cothlamadh de et "agus" sa Laideann) a chleachdadh san t-siostam aig Tiro. Chleachd esan an t-agusan ⁊ ( ) agus gu ìre, 's e seo an aon chomharra dhen t-siostam aige a dh'aithnichear cuid mhath dha na daoine fiù an-diugh, gu h-àraidh ann an Èirinn is Alba.

Còdachadh

deasaich

Chan eil cus dhe na comharran aig Tiro ann an Unicode agus leis a sin, tha e doirbh an cleachdadh air coimpiutairean. Ge-tà, tha an t-agusan ⁊ ri fhaighinn aig U+204A agus tha a chleachdadh gu h-àraidh cumanta ann an Èirinn agus tha e a' nochdadh ann an Alba an-siud 's an-seo cuideachd.

Tha gu h-àraidh bathar-bog Gàidhlig leithid Firefox, Opera agus LibreOffice ga chleachdadh, ged a chuireas iad gu feum comharra aig puing-còd eile (┐ aig U+2015) an àite an agusain fhèin a chionn 's gu bheil e ag obair nas fhearr air na siostaman-obrach a th' againn.

  1. Guénin, Loius-Prosper Histoire de la sténographie dans l'antiquité et au moyen-âge; les notes tironiennes (1908) Hachette ISBN 301255530
  2. Mitzschke, P. Biography of the father of stenography, Marcus Tullius Tiro. Together with the Latin letter, "De notis", concerning the origin of shorthand (1882) Brooklyn ISBN 11943552
  3. Kopp, U. Lexicon Tironianum (1965) Osnabrück ISBN 2996309