Foirmle a h-Aon
Is e Foirmle a h-Aon (ris an canar cuideachd Foirmle 1 no F1) an clas as àirde de rèiseadh chàraichean eadar-nàiseanta airson càraichean rèisidh aon-suidheach a tha fo ùghdarrais am Fédération Internationale de l’Automobile (FIA). Chaidh Farpais Dràibhearan na Cruinne a stèidheachadh ann an 1950. Tha am facal foirmle san ainm a' toirt iomradh air na riaghailtean ris an fheum na càraichean cumail.[1] Ann an seusan Foirmle a h-Aon, tha sreath de rèisean ris an canar Grands Prix (a' ciallachadh 'duaisean mòra' ann am Fraingis), a bhios a' gabhail àite air feadh an t-saoghail air cuairtean a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach agus air rathaidean poblach dùinte.
![]() Suaicheantas Foirmle a h-Aon | |
Dùthaich | Eadar-nàiseanta |
---|---|
Buidheann riaghlaidh | FIA |
Ciad seusan | 1950 |
Dràibhearan | 20 |
Sgiobaidhean | 10 |
Solaraichean einnsein | 4; Honda, Ferrari, Mercedes, Renault |
Solaraichean taidheir | Pirelli |
Làrach-lìn oifigeil | formula1.com |
Seusan làithreach |

Tha toraidhean gach rèis air am measadh a' cleachdadh siostam puingean gus dà Farpais Cruinne bliadhnail a dhearbhadh: tè airson dràibhearan, agus tèile airson luchd-cruthachaidh . Feumaidh Sàr-cheadachas no 'Super Licence' a bhith aig gach dràibhear.[2] Cuideachd, feumaidh na rèisean ruith air cuairtean a tha dearbhte leis an FIA aig ìre "1" ("A" roimhe seo), an ìre as àirde de chàileachd. Bidh a' mhòr-chuid de na tachartasan ann an àiteachan dùthchail, air cuairtean a chaidh an togail a dh'aona-ghnothach, ach bidh feadhainn dhuibh a' gabhail àite air sràidean mòr-bhailtean.
Eachdraidh Deasaich
Rèiseadh agus ro-innleachd Deasaich
Bidh tachartas Grand Prix Foirmle a h-Aon a' ruith thairis air deireadh-sheachdain. Bidh e a' tòiseachadh le dà sheisean cleachdaidh Dihaoine (ach ann am Monaco, far am bi cleachdaidhean Dihaoine air an gluasad gu Diardaoin), agus aon seisean cleachdaidh madainn Dhisathairne. Tha cead aig dràibhearan eile (ris an canar mar as trice treas dhràibhearan) ruith air Dihaoine, ach chan fhaod gach sgioba ach dà chàr a chleachdadh. Mar sin, bidh aig fear dhe na dràibhearan àbhaisteach àite a leigeil seachad. Thèid seisean ro-fharpaiseach a chumail às deidh an treas sheisean cleachdaidh, air feasgar Disathairne. Bidh an t-seisean seo a' dearbhadh an òrdugh tòiseachaidh airson an rèis feasgar Didòmhnaich.
Riaghailtean taidhearan Deasaich
Ro-fharpais Deasaich
Rèis Deasaich
Brataichean Deasaich
Siostam puingean Deasaich
1d | 2na | 3mh | 4mh | 5mh | 6mh | 7mh | 8mh | 9mh | 10mh | LaL* |
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
25 | 18 | 15 | 12 | 10 | 8 | 6 | 4 | 2 | 1 | 1 |
* Feumaidh dràibhear crìochnachadh taobh a-staigh nan deich as àirde gus puing fhaighinn airson an lapa as luaithe den rèis. Ma thig an dràibhear a rinn an lapa as luaithe gu crìch taobh a-muigh nan deich as àirde, cha tèid a' phuing a thoirt seachad airson an rèis sin idir.[3]
Luchd-cruthachaidh Deasaich
Dràibhearan Deasaich
Sreathan-lìonaidh Deasaich
Às dèidh F1 Deasaich
Bidh a' mhòr-chuid de dhràibhearan F1 a' fàgail nuair a bhios iad anns na 30an aca. Tha cuid de dhràibhearan F1 air fàgail gus rèiseadh anns na Stàitean Aonaichte - chaidh Nigel Mansell agus Emerson Fittipaldi an aghaidh a chèile airson tiotal CART 1993, ghluais Rubens Barrichello gu IndyCar ann an 2012, agus ghluais Jacques Villeneuve, Juan Pablo Montoya, Nelson Piquet Jr., agus Scott Speed uile gu NASCAR .
Grands Prix Deasaich
Tha an àireamh de Grands Prix ann an seusan air atharrachadh thairis air na bliadhnaichean. Cha robh ach seachd rèisean anns a' chiad bhliadhna, 1950, ach 's iad 2016, 2018, agus 2019 nam bliadhnaichean leis a' chuid as motha de rèisean - aon rèis air fhichead. Bha dà rèis air fhichead air a' chiad chlàr aig Farpais na Cruinne 2020, ach air sàillibh buaidh COVID-19, cha deach ach seachd rèisean deug a chumail. A dh'aindeoin a' phandemic, chaidh mìosachan Farpais na Cruinne 2021 fhoillseachadh le trì rèisean air fhichead air.
Rèisean air tilleadh (2008 - an-diugh) Deasaich
- Grand Prix Eòrpach aig Valencia Street Circuit (2008; deiseil às dèidh 2012)
- Grand Prix nan Stàitean Aonaichte aig Circuit of the Americas (2012 - an-diugh)
- Grand Prix na h-Ostaire aig Red Bull Ring (2014 - an-diugh)
- Grand Prix Mheagsago aig Autódromo Hermanos Rodríguez (2015 - an-diugh; thèid ath-ainmeachadh gu Grand Prix Cathair Mheagsago bho 2021[4])
- Grand Prix Eòrpach aig Baku City Circuit (2016; air ath-ainmeachadh gu Grand Prix Asarbaideàn ann an 2017)
- Grand Prix na Frainge aig Circuit Paul Ricard (2018 - an-diugh)
- Grand Prix Phortagail aig Algarve International Circuit (2020 - an-diugh)
- Grand Prix Dhuitseach aig Circuit Zandvoort (2021 - an-diugh)
Iomairt Àiteachan Ùra (2008 - an-diugh) Deasaich
Tha Clò trom a' comharrachadh Grands Prix a chaidh an clàradh mar phàirt de sheusan 2021
Grands Prix san àm ri teachd Deasaich
Tha Clò trom a' comharrachadh Grands Prix a chaidh an clàradh mar phàirt de sheusan 2021.
Gu h-ìosal tha liosta de phlanaichean fhoillsichte airson Grands Prix ùr.
Buaidhean COVID-19 Deasaich
Cuairtean Deasaich
Càraichean agus teicneòlas Deasaich
Teachd-a-steach agus prothaidean Deasaich
An t-àm ri teachd Deasaich
Uallach a thaobh na h-àrainneachd Deasaich
Craoladh sna meadhanan Deasaich
Eadar-dhealachadh eadar rèisean Foirmle a h-Aon agus rèisean Farpais na Cruinne Deasaich
Notaichean Deasaich
Iomraidhean Deasaich
- ↑ “Discovering What Makes Formula One, Formula One” (Beurla). Air a thogail 27 Gearran 2021.
- ↑ “2021 FORMULA ONE SPORTING REGULATIONS” (Beurla). Fédération Internationale de l’Automobile. Air a thogail 27 Gearran 2021.
- ↑ “Formula One approves new point for fastest lap rule” (Beurla). ESPN. Air a thogail 27mh dhen Ghearran 2021.
- ↑ “Formula 1 to race in Mexico City until at least the end of 2022” (Beurla). Formula1.com. Air a thogail 27 Gearran 2021.