Feamainn chìrean
Feamainn chìrean | |
Rangachadh saidheansail | |
Rìoghachd | Protista |
Clas | Phaeophyta |
Òrdugh | Fucales |
Teaghlach | Fucaceae |
Gèineas | Pelvetia |
Spèiseas | P. canaliculata |
Ainm saidheansail | |
---|---|
Pelvetia canaliculata Decne. & Thur. | |
Ainmean eile | |
Fucus canaliculatus (Linnaeus) |
'S e an fheamainn chìrean no an fheamainn chìreanach (fucus canaliculatus [1] neo Pelvetia canaliculata [2]) tè a b' fhaisge do thìr. 'S e feamainn ghoirid, dhosach mhìn mheanbh a th' innte.
Feumalachd - biadh a' chruidh
deasaich'S ann a bhathas a' buain na feamainn seo dha na beathaichean, dhan a' chrodh, agus a' dèanamh slaopadh oirre. Bhathas ga cur ann an soitheach domhainn agus a' dòrtadh bùrn goileach oirre agus a' cur rud air a h-uachdar.