'S e co-fharpais cupa a bha anns an European Cup Winners Cup airson sgiobaidhean ball-coise a ghleidheadh an co-fharpais cupa nàiseanta san dùthaich aca fhèin a' bhliadhna roimhe. Chaidh a' chiad co-fharpais a chumail ann an 1960/1961 agus bha an co-fharpais air a chur gu crìoch ann an 1998/1999. Bhon uairsin, tha na sgiobaidhean a' gleidheadh nan cupannan nàiseanta a' dol a-steach gu Cupa UEFA. Chaidh an cupa seo a ghleidheadh da thursa le sgiobaidhean Albannach, C.B. Rangers ann an 1972 agus Club Ball-coise Obar Dheathain ann an 1983.