Einojuhani Rautavaara
B' e co-ghleusaiche à Suòmaidh a bha ann an Einojuhani Rautavaara (9 an Dàmhair 1928–27 an t-Iuchar 2016). Rugadh is thogadh e ann an Helsinki is dh'ionnsaich e ceòl aig an Acadamh Sibelius an siud agus anns na Stàitean Aonaichte fo Aaron Copland, Vincent Persichetti is Roger Sessions an dèidh dha co-fharpais Thor Johnson a bhuannachadh airson a phìos A Requiem for our Time (1953). Sgrìobh e ceòl 12-puingeach, mar Arnold Schoenberg, nuair a thill e do Shuòmaidh is sgrìobh e a chiad opara, Kaivos (A' Mhèinn) eadar 1957 is 1960.[1] Bha e cuideachd na neach-teagaisg is theagaisg e co-ghleusaichean mar Paavo Heininen is Kalevi Aho. Dh'fhoillsich e a phìos a b' ainmeile, Cantus Arcticus ann an 1972. Tha am pìos seo a' cleachdadh clàraidhean nan eòin an àite Neach-ciùil aonair. Sgrìobh e oparan eile, mar eisimpleir Aleksis Kivi (1997), mun ùghdar Suòmach, is Rasputin (2013). Chaochail e ann an 2016.[2]
Einojuhani Rautavaara | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Eino Juhani Rautavaara |
Breith | Helsinki, 9 dhen Dàmhair 1928 |
Dùthaich | An Fhionnlann |
Bàs | Helsinki, 27 dhen Iuchar 2016 |
Teaghlach | |
Athair | Eino Rautavaara |
Cèile | Mariaheidi Rautavaara (en) (1959 - 1982) |
Clann |
liosta
|
Sinnsirean |
liosta
|
Foghlam | |
Foghlam |
Sibelius Academy (en) Juilliard School (en) |
Cànain | Fionnlannais |
Luchd-teagaisg |
Aarre Merikanto (en) Aaron Copland (mul) Wladimir Vogel (en) |
Oileanaich |
Harri Ahmas (en) Magnus Lindberg (mul) Kalevi Aho (en) Olli Mustonen (en) Esa-Pekka Salonen |
Dreuchd | |
Dreuchd | ceòl-sgrìobhaiche, eòlaiche-ciùil agus neach-teagaisg oilthigh |
Fastaichean |
Sibelius Academy (en) Juilliard School (en) |
Obraichean comharraichte |
Die Liebenden (en) Cantus Arcticus (en) Symphony No. 7 (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Gnè ealain | contemporary classical music (en) |
IMDb | nm1797592 |
Iomraidhean
deasaich- ↑ Fanning, David: “Rautavaara Kaivos, 'The Mine'”. The Gramophone. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2018.
- ↑ Rickards, Guy: “Einojuhani Rautavaara obituary”. 28mh dhen Iuchar 2016. Air a thogail 27mh dhen Iuchar 2018.