'S e eilean beag a tha ann an Eilean Musdile (Beurla: Mansedale). Tha e suidhichte mu ¼ mìle san àirde an iar deas Lios Mhòir aig ceann na Linne Sheileach. Tha e mu 4 heactair ceàrnagach.

Eilean Musdile, Lios Mòr air a chulaibh

Tha Taigh-solais Lios Mhòir suidhichte anns an Eilean Musdile. Chaidh an taigh-solais a thogail le Robert Stevenson anns a' bhliadhna 1833. Bha e a' cosg £4260 an taigh-solais a thogail.[1] Tha an taigh-solais 26 meatair a dh'àird.

Bidh na h-aiseagan Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' dol seachad air Eilean Musdile gu math dlùth air an t-siubhail aca eadar an t-Oban agus Muile. [2]

Iomraidhean

deasaich
  1. Gazetteer for Scotland
  2. Undiscovered Scotland

Ceanglaichean a-mach

deasaich