Eilean Bhuchain
Co-chomharran: 57°22′00″N 2°04′25″W / 57.366667°N 2.073611°W
Eilean Bhuchain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Ceàrn | Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain |
Co-chomharran | 57° 21′ 57.6″ Tuath 2° 5′ 9.6″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 8,754 (2001) |
Àireamh fòn | 01358 |
'S e baile ann an ear-thuath na h-Alba a tha ann an Eilean Bhuchain [1] neo Ealain [2][3] (Beurla: Ellon).
Tha e ann an Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain (Siorrachd Obar Dheathain ro 1975). Tha e mu 16 mìltean (26 km) san àird a tuath air Obar Dheathain. Tha e suidhichte air bruach Uisge Ythan.
Ann an 2001 bha 8,754 duine a' fuireach an seo.[4]
Giùlan
deasaichTha e na laighe faisg air an A90.
Àitichean inntinneach
deasaichTha tobhtaichean Ellon Castle rim faicinn ann anm meadhan a' bhaile. Chaidh an caisteal ath-thogail ann an 1780 leis an 4mh Iarla Obar Dheathain. [5] Tha seann eaglais paraiste ann, eaglais "St Mary", a chaidh a stèidheachadh ann an 1310. Chaidh a h-ath-thogail ann an 1777.[5]
Cuideachd tha seann drochaid ann ris an canar "Old Bridge of Ellon" a chaidh a thogail ann an 1793. Ged a tha e dùinte airson chàraichean a-nis thèid a chleachdadh le luchd-coiseachd gus an latha an-diugh. Tha e clàraichte air liosta nan togalaichean "Grade A" mar làrach ailtireach cudromach eachdraidheil aig Alba Aosmhor a-nis. [6]
Daoine ainmeil
deasaichIomraidhean
deasaich- ↑ Ainmean-Àite na h-Alba
- ↑ An Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig
- ↑ Alba le Roy Pedersen
- ↑ Scotland's Census Results Online
- ↑ 5.0 5.1 Gazetteer for Scotland
- ↑ OLD BRIDGE OF ELLON (Ref:31110) aig Alba Aosmhor
Dealbhan
deasaich-
Castle Ellon
-
Eaglais "St Mary on the Rock"
-
An t-seann drochaid