Co-chomharran: 57°22′00″N 2°04′25″W / 57.366667°N 2.073611°W / 57.366667; -2.073611

Eilean Bhuchain
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain
Co-chomharran 57° 21′ 57.6″ Tuath
2° 5′ 9.6″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh-shluaigh 8,754 (2001)
Àireamh fòn 01358

'S e baile ann an ear-thuath na h-Alba a tha ann an Eilean Bhuchain [1] neo Ealain [2][3] (Beurla: Ellon).

Suidheachadh
Suidheachadh
Eilean Bhuchain
Suidheachadh Eilean Bhuchain air a' Ghalldachd

Tha e ann an Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain (Siorrachd Obar Dheathain ro 1975). Tha e mu 16 mìltean (26 km) san àird a tuath air Obar Dheathain. Tha e suidhichte air bruach Uisge Ythan.

Ann an 2001 bha 8,754 duine a' fuireach an seo.[4]

Giùlan deasaich

Tha e na laighe faisg air an A90.

Àitichean inntinneach deasaich

Tha tobhtaichean Ellon Castle rim faicinn ann anm meadhan a' bhaile. Chaidh an caisteal ath-thogail ann an 1780 leis an 4mh Iarla Obar Dheathain. [5] Tha seann eaglais paraiste ann, eaglais "St Mary", a chaidh a stèidheachadh ann an 1310. Chaidh a h-ath-thogail ann an 1777.[5]

Cuideachd tha seann drochaid ann ris an canar "Old Bridge of Ellon" a chaidh a thogail ann an 1793. Ged a tha e dùinte airson chàraichean a-nis thèid a chleachdadh le luchd-coiseachd gus an latha an-diugh. Tha e clàraichte air liosta nan togalaichean "Grade A" mar làrach ailtireach cudromach eachdraidheil aig Alba Aosmhor a-nis. [6]

Daoine ainmeil deasaich

  • Alexander Mitchell (1817-1887), neach-poileataigs Ameireaganach
  • Paul Sturrock (1956-), cluicheadair ball-coise
  • Evelyn Glennie (1965-), ceòladair

Iomraidhean deasaich

  1. Ainmean-Àite na h-Alba
  2. An Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig
  3. Alba le Roy Pedersen
  4. Scotland's Census Results Online
  5. 5.0 5.1 Gazetteer for Scotland
  6. OLD BRIDGE OF ELLON (Ref:31110) aig Alba Aosmhor

Dealbhan deasaich

Ceanglaichean a-mach deasaich

 
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: