Eabhraig
'S e baile eachdraicheil ann an Siorrachd Eabhraig a th' ann an Eabhraig, (Beurla: York) aithnichte cuideachd mar Iorc a rèir GOC, aig a bheil seann bhalla air a thimcheall. Tha am baile air a shuidheachadh far am bi dà abhainn (Ouse agus Foss) a' coinneachadh. Tha am baile ainmeil air sgàth eachdraidh beartaich, a chionn 's gu bheil e mu 2,000 bhliadhna dh'aois.
Cur air cois | 71 CE |
---|---|
Ainm oifigeil | York |
Ainm dùthchasach | Jórvek |
Tar-sgrìobhadh IPA | jɔːk |
Ainmichte às dèidh | Taxus |
Neach bhon àite | eboracensi |
Motto | Let the Banner of York Fly High |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Prìomh-bhaile de | Kingdom of Deira, Siorrachd Eabhrac |
Sgìre riaghaltais ionadail | City of York |
Roinn-tìde | UTC±00:00, UTC+01:00 |
Siorrachd eachdraidheil | Siorrachd Eabhrac |
Domhan-leud is -fhad | 53°57′0″N 1°5′0″W |
Baile-céile | Dijon, Münster, Nanjing |
Na bha roimhe | Eboracum |
Comharrachadh dualchais | Tentative World Heritage Site |
Cód a’ phuist | YO1, YO10, YO19, YO23, YO24, YO26, YO30, YO31, YO32 |
Làrach-lìn | https://www.york.gov.uk/ |
Cód fónaichean-talmhainn | 01904 |
Comharran-cléithe SO | SE603517 |
Roinn-seòrsa an deilbh | Category:Views of York city |
Shuidhicheadh am baile mar Eboracum ann an AD 71 leis na Ròmanaich is b' e fear an dà phrìomh-bhailtean de Breatainn Ròmanach air fad'. Fad an tràth seo, chaidh iomadh daoine eachdraidheil, mar Constaintìn Mòr, a chomannach leis a' bhaile. Riaghaileadh an rìoghachd Ròmanach air fad' bho Eabhraig fhèin fad' dà bhliadhna le Septimus Severus.
Às dèidh teachd nan Angles, chaidh ainm ùr Eoferwic a chuir air a' bhaile, is chleachdadh e mar prìomh-bhaile na rìoghachd Northumbria. Fhuair na Lochlannaich grèim air a' bhaile ann an 866, is chuir iad an t-ainm Jórvík air a' bhaile fhèin is sgìre fada nas fharsainge eile air a' thaobh thuath Shasainn. Mun bhliadhna 1000, dh' ainmeachadh am baile mar York.
Dh'iarr Ridseard I Shasainn air Eabhraig mar prìomh-bhaile Shasainn air fad' ach mus an do rinn e a' chùis a dhèanamh, chaidh e a chuir à dreuchd. Às dèidh cogaidhean nan Ròsan, thug Eabhraig taigh do Chomhairle an Tuath is dh'aithneachadh e mar prìomh-bhaile taobh tuath na dùthcha. B' ann às dèidh na h-Aisige a thòisich cudthrom poilitigeach a dhol a taobh. 'S e mòr-roinn Eabhraig a th' ann tè an dà roinn eaglaiseil, ri taobh Canterbury.
Bho 1966 's e teirm Baile Eabhraig a bhios ag ainmeachadh sgìre ùghdarrais a' gabhail a-steach sgìrean tuatheil thairis crìochan traidiseanta a' bhaile. Tha sluagh de 137,505 anns a' bhaile fhèin, ged a bhios 184,900 de dhaoine anns an ùghdarras air fad'. Aig an àm seo, bidh meadhan a' bhaile, taobh a-staigh nam ballaichean mòra, na h-àite thurasachd chudthromaich, far an deach iomadh luchd-chèilidh à gach ceàrnag an t-saoghail.
Bailtean Co-cheangailte
deasaich- Dijon[1]