Druim Uachdar
(Air ath-sheòladh o Druim Uachdair)
Is e Druim Uachdar[1] no Druim Uachdair [2] am bealach thar Druim Albainn, eadar Athall agus Bàideanach an dà chuid seann sgìrean Gaidhealach. Mhair Gàidhlig Athaill ri na 1960'n agus tha fhathast Gaidheal tùsanach beò anns a' Bhàideanach. Tha am prìomh-rathad A9, Prìomh Rathad Iarainn na Gàidhealtachd, agus prìomh loidhne dhealain Beauly-Denny sìnte troimhe. Tha àirde an rathad iarainn aig mullach Druim Uachdair 453m (1485 troigh) os cionn barr na mara, agus seo am prìomh-rathad iarainn as àirde anns na h-eileanan Ceilteach. Tha mullach an A9 beagan meatair nas àirde na an rathad-iarainn.
Iomraidhean
deasaich- ↑ Stòr-dàta SMO
- ↑ Pàrlamaid na h-Alba duilleag 41