Drochaid-rathaid na Tatha
Tha Drochaid-rathaid na Tatha air tè de na drochaidean as fhaide san Roinn-Eòrpa aig mu thuaiream 2,250 meatair (1.4 mìle). Tha i a' ceangal rathad A92 thairis air Linne Tatha on Phort Nuadh ann am Fìobha gu Dùn Dè ann an Alba, beagan shìos leis an t-sruth o Dhrochaid-rèile na Tatha. Chaidh a fosgladh ann an 1966, a' gabhail àite seann bhàt'-aiseig na Tatha.