B’ e dùthaich bheag ann an cridhe na Gearmailt a mhair bho 1680 – 1826 a bh’ anns an Diùcachd Sagsainn-Gotha-Altenburg (Gearmailtis: Herzogtum Sachsen-Gotha-Altenburg). B’ e Gotha a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha.
Chaidh an Diùcachd a chruthachadh ann an 1680 nuair a sgaradh oighreachdan an Diùc Ernst der Fromme[1] (Gàidhlig: Ernst Cràbhach) eadar a chuid mhic, an dèidh a bhàis.[2] B' ann làidir an aghaidh prìomh-ghineadas a bh' ann an seann diùc agus cha robh stèidh laghail ann a thaobh phrionnsabal còirichean a' phrìomh-ghineadais anns A' Ghearmailt.[3] Le sin, bha roinneadh nan oighreachdan sin gu math connspaideach agus mhair an deasbad mun chùis iomadh bliadhna. Fhuair Ernst, na sgìrean mu timcheall Gotha agus Altenburg, an oighreachd na bu mhò. Bha Sagsainn-Gotha-Altenburg na ball Co-chaidreachas na Rèine bho 1806 gu ruige 1813,[4] nuair a dh' atharraich Napoleon Bonaparte structair phoileataigeach na Gearmailt, a' cur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe.[5] Chuir Sagsainn-Gotha-Altenburg agus na diùcachdan eile ann an Sagsainn 2000 saighdearan uile gu lèir do Fheachdan a' Cho-chaidreachais.[6] Chaidh siostam na Diùcachd atharrachadh mòran ann an 1825,[7] an dèidh bàs an Diùc Friedrich IV gun chlann.[8] a' roinneadh na Diùcachd eadar Sagsainn-Meiningen agus Sagsainn-Hildburghausen a bha air an leasachadh agus Diùcachd Sagsainn-Altenburg a chaidh a stèidheachadh.
- Ernst I. von Sachsen Gotha (1601 – 1675), 1640 – 1675
- Friedrich I. (1646 – 1691), 1675 – 1691
- Friedrich II. (1676 – 1732), 1691 – 1732
- Friedrich III. (1699 – 1772), 1732 – 1772
- Ernst II. Ludwig (1745 – 1804), 1772 – 1804
- August (1772 – 1822), 1804 – 1822
- Friedrich IV. (1774 – 1825), 1822 – 1825
- ↑ Ernst der Fromme, Herzog zu Sachsen-Gotha und Altenburg: ein Beitrag zur Geschichte des 17. Jahrhunderts, Teil 1
- ↑ Almanach de Gotha
- ↑ Spectator Archive
- ↑ Napoleon
- ↑ Alain Pigeard, Dictionnaire de la Grande Armée, Tallandier, septembre 2002 (ISBN 2-84734-009-2), duilleag. 374
- ↑ Jean Tulard (dir.), Dictionnaire Napoléon, vol. A-H, Fayard, octobre 1999 (ISBN 2-213-60485-1), duilleag. 486
- ↑ Deutsche Schutzgebiete
- ↑ August Beck, Friedrich I., Herzog von Sachsen-Gotha und Altenburg. In: Allgemeine Deutsche Biographie (ADB). vol VIII. Duncker & Humblot, Leipzig 1878, duilleag. 2.