Halò a Shionnaich. Thòisich mi air (beagan) deasachaidh a dhèanamh air an obair mhìorbhailteach agad, le do chead ...
'S e "gearradh-arm" as fheàrr airson "coat of arms", seach "lùireach" (a tha a' ciallachadh "breastplate").
Tha e mar fhasan dhut "200.000 [duine]" a thaipeadh seach "200,000", mar a bhiodh againn ann an Alba.
Chan eil mi buileach cinnteach dè tha "timcheallachd" a' ciallachadh san earran: "Cruth na Tìre?" Le meas, A' chachaileith 00:04, 4 an Gearran 2008 (UTC)

Timcheallachd? Tha mi a' lorg facal airson "surounding". Is dòcha gu bheil facal agad?
Lùireach? Chuala mi " breastplate" cuideachd. Ach a bheil thu cinnteach mu "gearradh-arm"? Chan fhaca mi facal Gàidhlig airson "coat of arms" riamh roimhe. Tha mi deònach sin ag atharrachadh, ach tha "Luìreach" ann an gu bhith 200 aiste a-nise. Mar sin dheth bu toil leam a bhith cinnteach mun facal ceart, mus tòisich mi air an obair seo. --Sionnach 20:11, 4 an Gearran 2008 (UTC)

Thoir sùil ann an Dwelly a Shionnaich. Cuideachd, faic an dàn "Rann Gearradh-Arm" (Song of the Coat of Arms) le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir a bha beò san ochdamh linn deug.
"Surroundings" - feumaidh mi smaoineachadh ... A' chachaileith 20:31, 4 an Gearran 2008 (UTC)

Gearradh-arm, ma tha. Ma tha thu cinnteach. Tha na bailtean furasta, ach ni mi sin beag air bheag anns na dùthchannan. --Sionnach 20:56, 4 an Gearran 2008 (UTC)
Till gun duilleag "Sagsainn-Anhalt".