A Shionnaich, tha mo leisgeul ri ghabhail, rinn mi rud beag a dheasachadh air a' Ghaidhlig air an duilleig seo. Cha robh moran atharrachaidh a dhith!A' chachaileith 13:59, 2 an Gearran 2008 (UTC)

Tha sin ceart gu leòr! Mòran taing airson na mearachdan a cheartachadh. Ach tha mi duilich, cha chuala mi riamh roimhe am facal "ceannbhaile". Na mo bheachd-sa bhiodh am facal "prìomh-bhaile" nas fheàrr, faic m.e.:an seo. Agus an e prìomh-bhaile Maroco neo prìomh-bhaile Mharoco (ginideach) an doigh sgrìobhadh ceart? --Sionnach 15:56, 2 an Gearran 2008 (UTC)

Na cuir cus suim ann an 'Stordata Briathrachais', a Shionnaich! Chan eil e earbsach idir - cha bhith fiù 's muinntir SMO (far an do rinneadh e) ga chleachdadh a-nise. Ach atharraich 'ceannbhaile' ma thogras tu. A thaobh Maroco/Mharoco - tha thu ceart, a rèir gràmar na Gàidhlig bu chòir h a bhith a' dol a-staigh 'M'. Agus 's fheàrr leamsa am facal 'seòlaidhean' seach 'iomraidhean' - saoil dè do bheachd-sa?A' chachaileith 19:08, 2 an Gearran 2008 (UTC)

Start a discussion about Rabat

Start a discussion
Till gun duilleag "Rabat".