Ceist beag mu "feille" Leipzig. Is feille rudeigin a bhitheas a'tachairt ach trip neo dha 's a' bhliadhna (Gu tric bha feille ceadaichte do bhaile air feille eaglais- a bhiodh na latha saora do na sgalagan co-dhiu). Is margaid a h-aon seorsa rud ri feille ach bithidh e a' tachairt air latha sonraichte gach seachdain. Chanar "baile mhargaid" ri baile le margaid seachdainneil neo miosail. Chanar "Talla Mhargaid" ri togaileachan mhargaid far a bheil margaid steidhichte agus cuid de na luchd reic a' frithealadh an margaid gach latha na seachdainn.

Mar sin- an ceist: An e Talla feille neo Talla Mhargaid air an deach ath-nuadhachadh ann an 1996? Ma tha thu a' faireachdainn nach eil am facal "Talla" freagaireach ri togalaichean cho farsuinneachd b'urrain dhuit "Aros" a chuir air ( Aros-mhargaid ).

Artagail ana mhath co-dhiu.

Mòran taing airson do mhineachadh, cha robh mi buileach cinnteach mun diofair eadar margaidh agus fèill:-) Chuir mi loidhne no dhà eile ris an aiste, tha mi an dòchas gu bheil e nas soilleire a-nis. --Sionnach 20:47, 3 dhen Lùnastal 2010 (UTC)Reply

Glan. :)

Till gun duilleag "Leipzig".