1. An ann sa Gaidhlig a tha an duilleag seo? Cha chreid mi gur h-ann. Tha do thuig mise facal dhith. A' chachaileith

2. Cha do thuigse thu facal dhith? Is duilich sin.

Tha làghan daoine so-bhriste. Tha Dlighean nàduir do-bhriste.

Eòlas-nàduir? Is fhearr leam "nàduir-fheallsanachd". Is fhearr le cuid eile "fiosag".

Gas? Is fhearr leam "aile" ach is "gas" roghainn storlann.

Is teasad inbhe teas, Dè an duiligheadas le sin?

Tomhais-lionaidh: facal nan sgoiltean. Is fhearr leam am facal "toirt" (cleachdadh na Gaelige)...neo fius "dabhachd" . A bheil facal as fhearr agad airson "Volume" ?

Brùthachd? Putaidh làimh doras, ach bithidh uisge (ann) an lochan na muilinn a' brùthadh an agaidh dorus uisge.

Cunbhalach: neo-caochlaideachd.

Charles: Ainm-Sloighne Fraingeachd.

Mar sin, Tha Dlighe de Charles ag innse, gun meudaich tomhais-lionaidh de bolg aile, glaicte ann an buideil (neo slige duinte eile) nuair a theid a teasaicheadh, ma bhitheas uidheam ceangailte ris a bhuideal a leigeas am bolg a mheudaich.

Neo a bhi ga sgriobhadh an crùth matamataigeachd V/T = k

( a' cleachdadh an litir Romhanach "k" mar comharra airson aireamh cunbhalach sonraichte ris an seorsa aile a tha anns a' bhuideil).

Chanainn "Uidheam Dlighe Charles" ris an uidheam a chrùthaich Monsieur Charles a dhearbh an Dlighe a lorg e. Feumaidh dealbh dheth a chuir ris an duilleag uaireigin.

Mus an fhaigh mi cothrom sin a dheanamh agus mas urrainn dhuit an coinceap a mhinich an Gaidhlig às fhearr, bhithinn fàda nad choman.

PS: Coinceap: facal a chuala mi tric gu leor àn Eirinn, far a bheil am facal "ceapadh" a' ciallachadh "smaoineachadh".Innleadair 20:31, 18 January 2008 (UTC)

3. Air duilleag deasbuid cleachdadair??

4. Chuir suil air deasbaireachd na h-aiste seo a-rithis mas e do thoil e. Mas urrainn dhuit Gaidhlig phongail a chuir air na facail minichidh fodha, bithidh na Gaidheal gu leir nad choman:

"For a fixed mass of a gas, at constant pressure, the volume is directly proportional to the temperature"

Volume/Temperature= Constant

Innleadair 12:00, 19 January 2008 (UTC)


5. Aig a' chiad shealladh:

A thaobh meall steidhichte de ghas, agus an teannas steidhichte, bidh a' [volume] gu direach a reir teasad a' ghas.

Rinn thu a' chuis orm leis an fhacal 'volume'! Feumaidh mi smaoineachadh ma dheidhinn. ("Tomhas-lionaidh" - urrgh!) Chan eil am facal "dlighe" ga chleachdadh an-diugh, agus cha chreid mi gun robh e riamh a' ciallachadh "law" ann an seagh sam bith. (Tha mi duilich, ach chan eil na sracan an sas air a' mheurchlar seo).A' chachaileith 13:56, 19 January 2008 (UTC)

6. A nis: Teannaich deagh facal ach a bheil e pongail gu leor anns a chuise seo? An Teannachadh a bheil thu a'putadh neo a' tarruinn? a' dluthadh neo a'sineadh.

Dlighe- cleachd am faclair. Chaidh am facal seo a-mach a bhi an Albainn ach cleachdar e chun là an diugh an Eireann (litreachadh Eireannaich "Dlí")airson Dlighean náduir...mar sin tha e iomachaidh gum bith sinn ga cleachdadh an Alba nuair a tha sinn ri tarruinn saidheansan a-steachd ri saoghal na Gaidhlig.

Faodaidh gu bheil sin a'coimhead caran pretensious riutsa, ach mur eil comas againn sin a dheanamh cha bhi comas againn a thoirt foghlam tro meadhan na Gaidhlig r'ar cuid cloinne aig inbhe ard sgoil. Tha sinne a' faicinn mar a tha, clann ag eirigh as an ard-sgoil le Gaidhlig as miosa na bha aca nuair a chaidh iadsan a-steachd.Innleadair 14:43, 19 January 2008 (UTC)

7. 'S e morchuiseach a' Ghaidhlig a th' air "pretentious", agus cha chreid mi gun do chleachd mi a-riamh e.

8. Tha mi nad choman.Innleadair 20:55, 20 January 2008 (UTC)

9. Mura h-eil a h-uile rud sa Wikipedia seo freumhaichte sa Ghaidhlig mar a tha i ga bruidhinn ann an da-riribh, agus so-thuigseach dhan a h-uile neach a chaidh a thogail sa chanan (agus a tha nas fileanta na bhios gin a luchd-ionnsachaidh gu brath), tha sinn caillte. Ni sinn cuis-magaigh dhinn fhin. A' chachaileith 20:31, 19 January 2008 (UTC)

10. A bheil thu ag innse rium gun tuigsidh na Sasunnaich gu leir h-uile facal a tha ann an Wikipedia na Beurla? A bheil thu ag innse rium gu bheil h-uile facal a chlaraich Dwelly aig h-uile daoine aig an robh Gaidhlig bho thus (mar a chanas na nabaidhean agam)? Innleadair 20:55, 20 January 2008 (UTC)

11. Ma tha thu a' ciallachadh "synthesis" le "co-cruthachd", saoilidh mi gur h-e "co-chur" (comh-chur ann an Dwelly, bhon is cuimhne leam) as fhearr.

12. Tha "co-chur" aig Ruaraidh MacThomais an "Bith-Eólas" ach chan eil mi a'smaointinn gu bheil am proiseas sin a' buannaig ri Eòlas-nadairInnleadair

13. De as chiall dha na leanas: Tus-aithneachadh? Siolaicheas? Minichidhean-terminideachd? A' chachaileith 13:50, 20 January 2008 (UTC)

14. Dé tha thu a' deanamh a mach as iad ? (Mur eil iad a'cordadh leat faodaidh tu a bhi gan deasachadh, ach chanainn gu bheil iomadh rud nas eiginneach anns an Leabhar Mór Eólas seo mar a tha). Innleadair 20:55, 20 January 2008 (UTC)

15. Tha mo leisgeul ri ghabhail, Innleadair choir - tha mi air a bhith a'feuchainn ris an duilleag seo a thuigsinn ach cha ghabh sin a dheanamh, gu seachd araid an earrann a tha a' toiseachadh "Co-mhinichidhean teirmidinimeachd" - gu de air thalamh as ciall dha? Le'r cead, ni mi beagan rannsachaidh ann an Wiki Beurla nuair a cheadaicheas an tide dhomh, nuair sin tillidh mi is ni mi beagan deasachaidh air an duilleig. Le meas, A' chachaileith 20:53, 24 am Faoilteach 2008 (UTC)

16. Ceart ma tà. Is abhaist dhomhs' tilgeil dlighean/riaghailtean/mineachaidhean don Gaidhlig as airde 's a tha agam fhein. Far an gabh e deanamh, bithidh mi a' cumail cho dluth 'us b'urrainn dhomh ri nòs Gaidhlig a' (seann) Bhiobaill. An trup seo cho-dhiu, dh'fheuch mi eadar-theangachadh "direach" bhon alt Beurla. Is e a tha ann an "teirmidinimeachd" litricheadh nua-Gaelige air am facal Beurla "Thermo-dynamics". Is docha gum bitheadh e nas fhearr a chruthaich ainm ur airson an coinceap: "Teas-mhalairt" , "Teas-iompachadh" neo "Teas-Iompair". mar eisimplirean. Tha taobh blàth agam ri teas-iompair, ach feumaidh mi dearbhadh gu bheil iompair a' ciallachadh a h-aon rud (giùlan)an Gaidhlig 's a tha e an Gaelige. Co-mhinicheadh: Faodaidh gu bheil facal as fhreagaireachd agad 'son "corollaray".Innleadair 22:38, 24 am Faoilteach 2008 (UTC)


17. 27-01-08 A'Chacaleith choir: Cha toigh leam idir foirmle nan facal a tha air an dlighe a nis o chionns gu bheil e gun ciall. Is coltach gu bheil thu fhein a' togail an airde facail ur mur eil na facaIl abhaisteachd den là an diugh a' còrdadh riut. Is e aon rud a tha ann a bhi cluiche le facal neo dha aig aon am, is cuise eile a' sguabadh as briatharachas air feadh aiste. Ged nach toigh leam iomadh de na facail a tha na eadar-theangairean aig stor-lann air steidheachadh is fhearr a chumail riu mus an nochd aobharan a bhi gan seachdnadh. Cha do comharraich tu aobhar sam bith dhomh fhadhast airson do bhriatharachas ach roghainn pearsanta.

[Tha mi air innse riut] mar tha gu bheil na coinceapan de bruthadh,tomad,tomhais-lionaidh agus teasad bunaiteach (ie riatanach) ri na dlighean ghais gu leir. Mar sin, bithidh mi gan chuir a-steachd aithris an aite na facail agad fhein.

Bithidh sin air fagail an earran mu deidhinn "Teas-Iompair", nach eil idir soillear. Bhithinn an beachd a thoirt sin as uile gu leir aig an ire seo, mur eil comas againn a chuir minicheadh as tuigseach (agus ceart) air. 86.148.93.75 21:00, 27 am Faoilteach 2008 (UTC)

18. Tha mi air innse DHUT, Innleadair, tha mi air innse dhut. (Innis DO; can RI). A h-uile beannachd, A' chachaileith 23:06, 28 am Faoilteach 2008 (UTC)

19. Agus do phuing?Innleadair 09:25, 30 am Faoilteach 2008 (UTC)

Till gun duilleag "Dlighe Charles".