Choimhead mi ri Caoraich agus lorg mi gu robh cuideiginn air atharrachadh tiotal an duilleag ri caora Is e croitear a tha annam. Bithidh sinn an Gaidhealtachd na h-Alba a' bruidhinn mu deidhinn "Caoraich". Cha eil sinn riamh a' bruidhinn mu deidhinn "caora" mur eil sinn a' bruidhinn mu deidhinn aon caora fa-leth. Cuir an tiotal ceart agus cuiridh mi facal neo dha ris a' chuspair.

Saoil carson a tha "deasaich" air a bhacadh air an duilleig seo? Tha mi a'faicinn corra mhearachdan, agus bu toil leam ceangal a-mach a chur ris, gu làrach-lìn mu bheataireachd a bhiodh gu math iomchaidh. A' chachaileith 15:06, 30 An Cèitean 2008 (UTC)

Chan iad idir caoraich mhaola a chithear san dealbh!! Cuiridh mi dealbh ceart na àite nuair a gheibh mi grèim air fear. A' chachaileith 15:37, 30 An Cèitean 2008 (UTC)

Till gun duilleag "Caora".