Deasbaireachd:Bogsa-ciùil
Bogsa / Bocsa
deasaichA thaobh an deasbaid mu dheidhinn 'bogsa-' no 'bocsa-ciùil': b' àbhaist do 'bhocsa' a bhith cumanta. Cha robhar toilichte leis air sgàth nach eil ro-analachadh (pre-aspiration) ron 'c' ann am 'bocsa'. Mar sin, dh'fhàs 'bogsa' cumanta. Chanainn gu bheil làmh-an-uachdair aig 'bogsa' a-nis.
- bogsa-ciùil ann am Faclair na Sgoile, LearnGaelic.scot, Am Faclair Beag (agus bogsa san fharsaingeachd)
- Tha Fèisean nan Gàidheal a' cleachdadh 'bogsa-ciùil' cuideachd: faic Seocan agus am Bogsa-Ciùil am bliadhna.
Mholainn 'bogsa-ciùil' a chumail le nota gum faicear bocsa-ciùil ann cuideachd. Emain Macha (an deasbaireachd) 15:07, 30 dhen Dùbhlachd 2018 (UTC)
Is e an duiligheadas as motha a tha agam le "Bogsa-ciuil" gun deach steidhicheadh oifigiuil air "cs" airson "x" anns na facail-iasaid a thanaig don Ghaidhlig o chananan eile, nuair a chuir Roinn Oideachas na h-Alba (Scottish Education Department)an "Gaelic Orthographic Convention" air bochd, circa 1985. Tha "gs" na dubhlan bunaiteach ri cleachdadh a tha air a bhi steidhichte fad cor agus trichead bliadhna. A quick trawl through the Dictionaries available to me (excluding Faclair Beag which is a derived work) MacEachan : c. 1830: Bogsa. Dwelly c. 1900: Bocsa - entry under bogsa "See bocsa". Maclennan c. 1920 : Bocsa. Thomson 1981: Bocsa. Padruig Ó Donnghaile (an deasbaireachd) 21:18, 1 dhen Ghearran 2019 (UTC).