Chan eil mi builleach a' tuigsinn "Ann an ùine nach b' e fada bha...." A bheil thu a' ciallachadh gun robh iad a' fuireach ann fad ùine goirid, no nach tug e fada gus an do ghluais na h-iasgairean chun an àite. Mar as àbhaist cleachdar "chì mi thu ann an ùine nach bi fada" no rud mar sin (le bith an àite is). Chanainnsa is dòcha: Am broinn ùine ghoirid.... no Cha tug e fada agus bha.... no o chionn dìreach beagan bhliadhnaichean... no o chionn goirid bha.... Tha sin a' crochadh air dè tha thu a' ciallachadh. Dè ur beachd? --Each-uisge 20:19, 29 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

... nach tug e fada gus an do ghluais na h-iasgairean chun an àite... 'S sin a bha mi ag iarraidh ri ràdh. Mòran taing airson do chuideachaidh. --Sionnach 21:15, 29 an t-Òg-mhios 2009 (UTC)

Start a discussion about Allt na h-Eirbhe

Start a discussion
Till gun duilleag "Allt na h-Eirbhe".