Deasbaireachd:A' Chairtbheil

Latest comment: 13 bhliadhnaichean air ais by Sionnach

Hm feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh a thaobh nan ceanglaichean dhan t-seann fhaclair air Akerbeltz.org, oir chan eil e ann tuilleadh. Ach a bharrachd air a sin mholainn-sa ainm eile air an duilleag seo. Cha toigh leis na Cairtbheilich an t-ainm Grusinia idir, tha eachdraidh co-cheangailte ri tuineachas is impireachd nan Ruiseanach. Dè mu dhèidhinn A' Chairtbheil mar a tha e san bhathar-bhog-lìn agus san Fhaclair Bheag? Akerbeltz 10:09, 28 dhen Mhàrt 2011 (UTC)Reply

Dè tha "Tùs: AFB" (san Fhaclair Bheag) a' ciallachadh? Agus dè am bathar-bog-lìn? A bheil iomradh agad air? --Sionnach 20:35, 28 dhen Mhàrt 2011 (UTC)Reply
AFB=Am Faclair Beag, 's e comharra "internal" a th' ann, cha chomharraich sin tùsan sònraichte ach mas e facal ainneamh a th' ann. Bhitheamaid a' dol às ar ciall ;)
Bathar-bog: tha Mozilla/Opera/Microsoft 's feadhainn eile a' cleachdadh an dearbh sheata de dh'ainmean-àite a-nis. Saoil am faic thu seo [1], tha fhios nach ruigear an stuth aig MS. Akerbeltz 00:13, 29 dhen Mhàrt 2011 (UTC)Reply
'S e sin an trioblaid leis na h-ainmean nach eil stèidhichte fhathast:-) Ma choimheadas mi air ainm na dùthcha aca fhèin, chan eil mi an aghaidh A' Chairtbheil. --Sionnach 21:32, 29 dhen Mhàrt 2011 (UTC)Reply
Till gun duilleag "A' Chairtbheil".