Bha an teacsa seo am broinn n h-aiste. Ghluais mi e don duilleig seo. --Sionnach 22:00, 11 November 2007 (UTC)

Hallo a Chreachadair a charaid choir, Tha min dochas gu bheil thu gu math. Tha thu a' deanamh math leis na duileagan Gaidhlig aig Wikipedia. Nise, gabh m'leisgeul ma tha seo anns an aite chearr! Dh'fheuch mi 'private e-mail' a chur thugad, ach tha e ag radh nach eil sin agaibh, mar sin, tha mi a' sgriobhadh ann an sheo. Chan eil mi airson a bhith a' deasachadh 'articlean' gun a bhith a' bruidhinn riut an toiseach - tha mi a' faireachdain nach eil e modhail sin a dheanamh. Mar sin, tha mi a' cur brath thugad mar seo.

'Sann direach mu na sgriobh thu ann an sheo mu Ùr-Sgeul a tha mi a' sgriobhadh. Bha mi direach airson moladh a dheanamh. Tha a h-uile rud ceart gu leor, ach direach an rud a th'agad aig an deireadh - tha e doirbh a radh gu bheil "tuilleadh airgid" againn. Chan eil fhios'm a bheil e fior. An t-airgead a tha a' foillseacharan Gaidhlig eile a' faighinn- tha, agus bha, e cheart cho ard, a thaobh leabhar Gaidhlig a dheanamh.

'Se an difir a th'ann (ma tha difir ann) gu bheil sinn a' cleachdadh dhoighean nas fhearr, 's docha, a thaobh na leabhraichean fhaighinn ann an clo. Mar sin, mholinn-sa, an aite 'air sgàth gu bheil tuilleadh airgid aca' a bhith a' sgriobhadh 'air sgàth gu bheil iad air doighean nas fheàrr a lorg gus leabhraichean a chur ann an clò'. No rudeigin mar sin - bidh fios agad fhein nas fhearr na mise.

Tha min dòchas gun tuig thu gur ann le deagh rùn a tha mi a' sgrìobhadh, agus chan eil mi airson deasbad a dhèanamh, ann an doigh sam bith, ach chan eil moran airgid a bharrachd idir againn, seach foillsichearan eile, agus taice ri foillsichearan Gaidhlig anns na bliadhnachean a dh'fhalbh.

Is mise le meas John Storey Ùr-Sgeul http://www.ur-sgeul.com/digital/

P.S. Faodaidh tu cur as don brath agam , aon uair 's gu bheil thu air a leughadh , tha mi gu math toilichte ma ni thu sin, ma dh'atharraicheas tu fhein an rud a sgriobh thu. Moran taing. An dochas gun teid gu math leat.John Storey 15:55, 9 November 2007 (UTC)

Start a discussion about Ùr-sgeul

Start a discussion
Till gun duilleag "Ùr-sgeul".