Peter Maxwell Davies
B' e sgrìobhaiche-ciùil à Sasainn a bha ann am Peter Maxwell Davies.
Peter Maxwell Davies | |||
---|---|---|---|
2004 - 2014 | |||
Beatha | |||
Ainm slàn | Peter Maxwell Davies | ||
Breith | Salford (en) agus Manchester (mul) , 8 dhen t-Sultain 1934 | ||
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte | ||
Bàs | Sanndaigh, 14 dhen Mhàrt 2016 | ||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (bànachadh-fala) | ||
Foghlam | |||
Foghlam |
Oilthigh Mhanchester Moorside High School (en) Royal Manchester College of Music (en) (1952 - 1957) Oilthigh Princeton (1962 - 1964) | ||
Cànain | Beurla | ||
Luchd-teagaisg | Richard Hall (en) | ||
Oileanaich | Roberto Brambilla (en) | ||
Dreuchd | |||
Dreuchd | classical composer (en) , stiùiriche-ciùil, tidsear ciùil, sgrìobhaiche ceòl fhilmichean, cluicheadair piàna, ceòl-sgrìobhaiche, oide-eòlaiche, sgrìobhadair oparathan agus librettist (en) | ||
Fastaichean | Acadamh Rìoghail a' Chiùil | ||
Obraichean comharraichte | Symphony No. 4 (en) | ||
Duaisean a fhuaras | |||
Ainmeachadh airson duaisean |
liosta
| ||
Ballrachd | Acadamh Bhavaria nan Ealan Fìnealta | ||
Gnè ealain |
opra simphnidh | ||
Inneal-ciùil | piàno | ||
Taigh-clàraidh | EMI Classics (en) | ||
IMDb | nm0203903 |
Rugadh e ann an Salford agus bha e na oileanach aig Oilthigh Mhanchester is a' cholaiste ciùil ann am Manchester, far an do thachair e ri Alexander Goehr is Harrison Birtwistle. Dh'obair e mar thidsear ann an Cirencester mus bhuannaich e sgoilearachd aig Oilthigh Phrinceton, far an do sgrìobh e a chiad opara, Taverner.
Dh'fhuirich e ann an Sanndaigh o 1971. Ann an 1977 chruthaich e an Fèis Naoimh Magnus còmhla ri George Mackay Brown, is bha opara The Martyrdom of St Magnus le ceòl le Maxwell Davies is teacsa le Brown pàirt dhi. Sgrìobh e oparan eile, mar The Lighthouse, suidhichte air tachartas sna h-Eileanan Flannach nuair a chaidh triùir luchd an taigh solais air seachran, agus Kommilitonen!.
Sgrìobh e a chiad shimphnidh ann an 1976.
Chaochail e le tinneas nan ceallan bàna ann an 2016.[1]
Urraman
deasaichBha e na Mhaighstear Ceòl na Bhànrighinn eadar 2004 agus 2014.[1]
Iomraidhean
deasaich- ↑ 1.0 1.1 Hewett, Ivan: “Sir Peter Maxwell Davies obituary”, The Guardian. 14mh dhen Mhàrt 2016. Air a thogail 15mh dhen Ghiblean 2018.