Dàibhidh Camshron
'S e neach-poileataigs a tha ann an Dàibhidh Camshron (Beurla: David William Donald Cameron).
Rugadh e 9 an Dàmhair, 1966 ann an Lunnainn, Sasainn. Bha e na Phrìomhaire na Rìoghachd Aonaichte. Bha e a' riochdachadh Witney ann am pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte, agus bha e na cheannard Pàrtaidh nan Tòraidhean eadar 2008 agus 2016. Choisinn e dreuchd a' Phrìomh-mhinisteir às dèidh taghadh coitcheann 6 Chèitein 2010. Cha do choisinn am Pàrtaidh Tòraidheach mòr-chuid de na cathairean anns an taghadh sin agus tha e na cheannard air Riaghaltas stèidhichte air co-bhanntachd eadar am Pàrtaidh aigesan agus am Pàrtaidh Libearalach Deamocratach a tha fo cheannas Nicholas Clegg. Chruthaich e riaghaltas ùr gun na Lib Deamaich nuair a bhuannaich na Tòraidhean mòr-chuid san taghadh coitcheann 2015.
An dèidh dha an Reifreann mu bhallrachd Bhreatainn san Aonadh Eòrpach 2016 a caill, dh'ainmich e gun toir e a dhreuchd mar phrìomhaire suas nuair a thagaidh a cho-arba.[1] Dh'ainmich e san Sultain 2016 gun toir e a dhreuchd mar Bhall Phàrlamaid suas.[2]
Thill e do chaibineat riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann an 2023 mar Rùnaire nan Dùthchannan Cèin fo Rishi Sunak an dèidh do Shunak Suella Braverman, Rùnaire na Dùthcha, a chur à dreuchd.[3]
Connspaid
deasaichFhuair Camshron prothaid à maoin far-cladach Blairmore a chruthaich athair.[4]
Ceanglaichean a-mach
deasaich- “David Cameron, former MP, Witney”. They Work for You. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2018.
Iomraidhean
deasaich- ↑ “Brexit: David Cameron to quit after UK votes to leave EU” (Beurla), BBC. 24mh dhen Ògmhios 2016. Air a thogail 13mh dhen t-Sultain 2016.
- ↑ “David Cameron quits as Conservative MP for Witney” (Beurla), BBC. 12mh dhen t-Sultain 2016. Air a thogail 13mh dhen t-Sultain 2016.
- ↑ “Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 14mh dhen t-Samhain 2023. Air a thogail 15mh dhen t-Samhain 2023.
- ↑ “British PM Announces New Transparency Measures Following Panama Papers Revelations” (Beurla). ICIJ · The International Consortium of Investigative Journalists. Air a thogail 11mh dhen Iuchar 2016.
Prìomhairean na Breatainne Mòire: Walpole (1721–1742) · Compton (1742–1743) · Pelham (1743–1754) · Newcastle (1754–1756) · Devonshire (1756–1757) · Newcastle (1757–1762) · Bute (1762–1763) · G. Grenville (1763–1765) · Rockingham (1765–1766) · Chatham (Pitt Mòr) (1766–1768) · Grafton (1768–1770) · North (1770–1782) · Rockingham (1782) · Shelburne (1782–1783) · Portland (1783) |
Prìomhairean na Rìoghachd Aonaichte (an dèidh do 1800): Pitt Beag (1783–1801) · Addington (1801–1804) · Pitt Beag (1804–1806) · W. Grenville (1806–1807) · Portland (1807–1809) · Perceval (1809–1812) · Liverpool (1812–1827) · Canning (1827) · Goderich (1827–1828) · Wellington (1828–1830) · Grey (1830–1834) · Melbourne (1834) · Wellington (1834) · Peel (1834–1835) · Melbourne (1835–1841) · Peel (1841–1846) · Russell (1846–1852) · Derby (1852) · Aberdeen (1852–1855) · Palmerston (1855–1858) · Derby (1858–1859) · Palmerston (1859–1865) · Russell (1865–1866) · Derby (1866–1868) · Disraeli (1868) · Gladstone (1868–1874) · Disraeli (1874–1880) · Gladstone (1880–1885) · Salisbury (1885–1886) · Gladstone (1886) · Salisbury (1886–1892) · Gladstone (1892–1894) · Rosebery (1894–1895) · Salisbury (1895–1902) · Balfour (1902–1905) · Campbell-Bannerman (1905–1908) · Asquith (1908–1916) · Lloyd George (1916–1922) · Bonar Law (1922–1923) · Baldwin (1923–1924) · MacDonald (1924) · Baldwin (1924–1929) · MacDonald (1929–1935) · Baldwin (1935–1937) · Chamberlain (1937–1940) · Churchill (1940–1945) · Attlee (1945–1951) · Churchill (1951–1955) · Eden (1955–1957) · Macmillan (1957–1963) · Douglas-Home (1963–1964) · Wilson (1964–1970) · Heath (1970–1974) · Wilson (1974–1976) · Callaghan (1976–1979) · Thatcher (1979–1990) · Major (1990–1997) · Blair (1997–2007) · Brown (2007–2010) · Camshron (2010–2016) · May (2016–2019) · Johnson (2019–2022) · Truss (2022) · Sunak (2022–2024) · Starmer (2024–) |