Crois Mhìcheil

Suidheachadh
Dùthaich Alba
Ceàrn Dùn Phris is Gall-Ghaidhealaibh
Co-chomharran 54° 58′ 60″ Tuath
03° 58′ 60″ Iar
Feartan fiosaigeach
Àireamh fòn 01556

‘S e baile beag dùthchasail ann an cridhe na Stiùbhartachd, air an àirde an iar-dheas na h-Alba air iomall Chaisteal Dhùghlais a th' ann an Crois Mhìcheil (Beurla/Beurla Ghallda: Crossmichael). Tha e suidhichte aig 95m os cionn ìre na mara,[1] ann an Dhùin Phris is Gall-Ghaidhealaibh (Siorrachd Chille Chuithbeirt ro 1975), air an A713 eadar Parton agus Gleann Lochair, ri taobh Loch Ken agus na h-Aibhne Dhè.[2] Tha e 268km air falbh bho Obar Dheathain, 100km bho Ghlaschu, 16km bho Chille Chuithbeirt agus 119km bho Dhùn Èideann, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] 'S e Beurla a th' ann a’ chiad chànan aig a’ mhòr-chuid dhe na daoine ann an Crois Mhìcheil. Tha Eaconomaidh a' bhaile gu math crochte air turasachd, àiteachas agus coilltearachd. A bharrachd air sin, tha eaglais, talla na h-eaglaise[4] agus oifis a' phuist anns a’ bhaile.[5] Taobh fhoghlaim, tha bun-sgoil ann, a dh'fhrithealaicheas am baile seo, Gleann Lochair, Baile Mhic Aoidh, Parton agus Baile Labhrainn,[6] ach feumar a dhol dhan àrd-sgoil ann an Caisteal Dhùghlais.[7]

Freumhan an Ainm deasaich

A rèir eòlaichean fhreumh-fhaclachd, tha e coltach gur ann à crois anns a' Ghàidhlig tha an t-ainm, mar a' mhòr-chuid nan ainmean-àite crois- ann an Alba.[8] Nochd a' Ghàidhlig ann an ceann a deas na h-Alba anns an 7mh Linn agus bha an cànan fhathast làidir ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt fhèin anns an 17mh Linn.[9] A dh' aindeoin sin, tha cuid eile dhen bheachd gur ann à Cors a tha an t-ainm, leis cho pailt a tha ainmean mar sin san sgìre.[10]

Eachdraidh deasaich

Chaidh Ath Crogaid a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1164.[11] Thuit àireamh-shluaigh a' bhaile anns an 18mh Linn nuair a bha na uachdaran a' gabhail ri fuadaichean nan croitear agus cuairteachadh na talmhainn. Stèidhich Walter Scott Jeannie Deans, prìomh charactar an nobhail aige Heart of Midlothian, air tè à Crois Mhìcheil air an robh Helen Walker.[12] A-rèir carragh-chuimhne san bhaile, fhuair 41 duine à Crois Mhìcheil bàs sa Chogadh Mòr[13] agus naoinear eile san Dàrna Cogadh.

Iomraidhean deasaich

  1. Falling Rain
  2. Canmore
  3. Luftlinie
  4. Crossmichael and Parton Churuch
  5. Opening Times
  6. Crossmichael Primary SchoolTeamplaid:Fix/category[dead link]
  7. A' Chomhairle
  8. The New Statistical Account of Scotland, Volume 2, William Blackwood, Dùn Èideann 1834
  9. Transactions and Journal of Proceedings of the Dumfriesshire and Galloway Natural History and Antiquarian Society. Third Series. Volume XI: 147
  10. Kirkcudbright
  11. Galloway Kite TrailTeamplaid:Fix/category[dead link]
  12. Kirkcudbright
  13. Scottish War Memorials Project

Ceanglaichean a-mach deasaich