Crannag
'S e th' ann an crannag ach àite dìonach ro-eachdraidheil. Dùn air an loch a bhiodh air a thogail le daoine a-mach à clachan is fiodh airson iad fhèin a dhìon bho nàimhdean airson dachaigh sàbhailte a thoirt dhaibh.
Làraich
deasaichLorgar crannagan ann an Alba, Èirinn agus a' Chuimrigh. Gheibhear iad gu sònraichte air taobh an iar Alba. Bha iad air an togail ann an camasan beaga far a' chladaich air neo ann an lochan a-staigh gu h-àraidh ann an Loch Tatha, Loch Odha agus Loch Nis.[1] Tha e coltach gu bheil iomadh seann chrannag air chall ann an uisgeachan Alba.
Dachaighean
deasaichChaidh cuid dhe na crannagan an Alba a thogail ro 500 RC. Thathas a' creidsinn cuideachd gun robh cuid dhiubh gan cleachdadh chun na 17mh linne.[1]
Obair-thogail
deasaichBha a' chuid a bu mhotha dhi air a togail à fiodh.[1] Bhiodh cabhsairean stèidhte air puist a chumadh iad os cionn ìre an uisge aig cuid, mar anns an dealbh shuas. Le crannagan eile, ged-tà, bhiodh cabhsair am falach fon uisge a' ceangal na crannaig ri tìr-mòr. Tha coltas gu math nàdarra air cuid dhe na làraich ach tha coltas air cuid eile gun deach eileanan a dhèanamh a dh' aona ghnothaich.
Iomraidhean
deasaichCeanglaichean a-muigh
deasaich- Ionad Crannag na h-Alba (en)
- Bhidio le Nicholas Dixon bho Urras Alba Àrc-eòlas Fo-uisge, a’ bruidhinn mu Chrannag ath-thogte Oakbank air Loch Tatha. (en)
- Orkneyjar Crannagan ann an Araibh. (en)