Crann-sneachda
Is e a tha ann an crann-sneachda, pìos acfhainn airson treabhadh sneachda far rathaidean is rathaidean iarainn. Thàirneadh na cruinn-shneachda rathaid bu tràth le sgioba-eich. Anns an latha an-diugh giùlanar cruinn-shneachda rathaid air toiseach làraidh.
Tha cruinn sneachda nan rathad-iarainn air a bhi bobhtaichte ri toiseach inneil-tharruing, ach is e carbad fa-leth a tha 'sna cruinn-shneachda bu mhòr. Carbad sònraichte uidheamaichte le beairt tarruinn is dìonaidh àbhaisteach aig a' cheann deireannach agus an ceann-toisich an cruth soc-treabhaidh. Nuair a bhitheas crann-sneachda den seòrsa seo ag obair théid an putadh le inneal. Tha crann-sneachda den nòs seo ionadaichte aig Inbhir Nis.