‘S e manaidsear ball-coise a th’ ann an Craig Levein aig an àm seo, a rugadh ann an Dùn Phàrlain air 22 Dàmhair, 1964; b’ e cluicheadair Albannach ball-coise proifeiseanta a bh’ ann roimhe. Tha Levein an-dràsta aig stiùir club Prìomh Lìog na h-Alba, Dùn Dèagh Aonaichte. Bha e a’ cluich do Chùl Dùn Beithe agus Heart Meadhan-Lodainn, agus choisinn e 16 capaichean a’ cluich do sgioba nàiseanta ball-coise na h-Alba.

Craig Levein
Beatha
Ainm slàn Craig William Levein
Breith Dùn Phàrlain, 22 dhen Dàmhair 1964
Dùthaich  Alba
Foghlam
Foghlam Inverkeithing High School (en) Translate
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd cluicheadair ball-coise nan comann agus manaidsear buill-choise
Eachdraidh
Clubaichean Bliadhnaichean G T
[[Cowdenbeath F.C. (en) Translate]]1981-1983600
C.B. Cridhe Mheadhan Lodainn1983-199732615
sgioba ball-coise nàiseanta na h-Alba1990-1994160
 
Ionad no sònrachas centre-back (en) Translate
Àirde 183 centimetre

Bha Levein na oileanach aig Àrd-sgoil Inbhir Chèitinn, far an robh e anns an sgioba ball-coise còmhla ri cluicheadair eadar-nàiseanta Albannach eile ri teachd, Gordon Durie. Bha e na chluicheadair do Dhalgety Bay, Leven Royals agus Inbhir Chèitinn-fo-aois-16 aig toiseach an cùrsa-obrach bhall-coise aige. Leig e bhuaithe ball-coise bliadhna aig aois 15, ge-tà, a` tilleadh thuige nuair a dh’iarr a bhràthair air a thighinn gu seiseanan-trèanaidh club-òigridh, Lochore Welfare, far an robh e fhèin. Chuir Levein ainm ri cùmhnant aig Lochore agus an dèidh dha deuchainnean fhaighinn aig diofar àrd-chlubaichean, ghabh e ann an sgioba Cùl Dùn Beithe mu dheireadh thall ann an 1981.