Crìsdean Dillon

Sgrìobhadair is craoladair Gàidhlig.

B' e craoladair, sgrìobhadair, seinneadair agus sgeulaiche Gàidhlig a bh' ann an Crìsdean Dillon (1952 - 2000). Rugadh e ann an Irvine ann an Siorrachd Àir, ach chaidh a thogail san Ìochdar ann an Uibhist a Deas.

Crìsdean Dillon
Beatha
Breith Irbhinn, 1952
Dùthaich  Alba
Bàs Inbhir Nis, 2000
Dreuchd

Ann an 1964 ghluais Crìsdean gu Trosaraidh ann an Uibhist a Deas far an do thòisich e air Laideann, Fraingis agus Gearmailtis ionnsachadh. Nuair a bha e 14 bliadhna a dhʼaois ghluais e gu Taigh an Uillt, agus chaidh e dhan sgoil san Òban. Às dèidh dha an sgoil fhàgail fhuair e oideachadh ann an Ceiltis agus Gearmailtis aig Oilthigh Dhùn Éideann agus an déidh sin ann an Oilthigh Ghlaschu.

Sa bhliadhna 1976 thòisich e ag obair aig aʼ BhBC ann an Inbhir Nis, far an robh e airson 24 bliadhna. Bhiodh e aʼ sgrìobhadh sgeulachdan, òrain, rannan is abairtean spòrsail do chloinn agus rinn e iomadh prògram air cuspairean eachdraidheil. A bharrachd air an sin bhiodh e aʼ teagaisg chlasaichean oidhche sa Ghàidhlig, agus bhiodh e aʼ teagasg na Gàidhlig ann am Bonn sa Ghearmailt.

Bhàsaich Crìsdean ann an Inbhir Nis sa bhliadhna 2000.

Ceanglaichean a-mach deasaich