Tha Coinneach MacÌomhair na chraoladair sa Ghàidhlig. Bha e na dheasaiche a' Ghasaet Steornabhaigh agus tha e a' fuireach faisg air a' Bhac ann an Eilean Leòdhais.[1]

Coinneach MacÌomhair
Beatha
Breith Col Uarach, 1950
Dùthaich  Alba
Foghlam
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd deasaiche pàipeir-naidheachd agus pearsa rèidio

UaireanDeasaich

Tha Prògram Choinnich ri chluinntinn air BBC Radio nan Gaidheal bho Dhiluain gu Dihaoine, eadar 9m agus 10m. Tha ath-chraoladh den phrògram a' dol a-mach aig 9f den aon là.

Cuspair a' PhrògraimDeasaich

Tha am prògram ann an cruth "iris" mar as trice, le Coinneach a' togail cuspair (gu math tric, cuspair a th' anns na naidheachdan) agus aoidhean/eòlaichean aige airson deasbad a thogail co-cheangailte ris.

Aig amannan ge-tà tha Coinneach 's an sgioba a' falbh a-mach às an stiùidio airson prògram sònraichte a chlàradh air an dùthaich am badeigin.

An SgiobaDeasaich

Coinneach MacÌomhairDeasaich

Làrach-lìn a' phrògraimDeasaich

Tha làrach-lìn aig Prògram Choinnich far a bheil cothrom dealbhan de thachartasan sònraichte fhaicinn, beagan fiosrachaidh mun phrògram a leughadh, agus goireas "Èist a-rithist" a chleachdadh.

IomraidheanDeasaich

  1. Kenny Maciver marks 20 years and 5,000 shows(en). www.stornowaygazette.co.uk. Air a thogail 17mh dhen Mhàrt 2017.