Dealbhan air Uicipeid deasaich

Tha an duilleag seo a' toirt stiùireadh air mar a chuireas dealbhan an gnìomh.

Càite an Lorgar Dealbhan? deasaich

Tha dealbhan, clàraidhean fuaime agus bhideothan uile ri fhaighinn air Wikimedia Commons. Sin an stòras do Wikipedia anns a h-uile cànan agus do na pròiseactan Wikimedia eile leithid WikiData.

Anns a' bhogsa lorg, cuir a-steach na tha thu a' lorg. Seallaidh Commons dhut faidhlichean coltach ris na lorg thu agus roinnean-seòrsa (categories) coltach ris.

Dealbhan air Uicipeid leis an Deasaiche Lèirsinneach deasaich

 
Bileag-iùil air mar a chuireas dealbhan air Uicipeid bho Commons leis an Deasaiche Lèirsinneach.

Dealbhan air Uicipeid le Wikitext deasaich

  1. Lorg ainm an fhaidhle a tha thu airson a chleachdadh air Commons.
  2. Cuir a-steach an còd iomchaidh às na leanas:
  • Ìomhaigh beag le caipsean (caption) - [[Faidhle:Eisimpleir.png|thumb|Caipsean]]
  • Ìomhaigh le caipsean - [[Faidhle:Eisimpleir.png|Caipsean]]
  • Ìomhaigh le meud sònraichte. Atharraich an àireamh gus am meud atharrachadh - [[Faidhle:Eisimpleir.png|45px|Caipsean]]
  • Clàr fuaim no bhideo le caipsean - [[Faidhle:Eisimpleir.ogg|Caipsean]]
  • Ceangal gu dealbh gun a bhith ga shealltainn - [[:Faidhle:Shakespeare.jpg]] eisimpleir: Faidhle:Inverary Castle.jpg
  • Cleachdadh dealbh no faidhle mar cheangal - [[Faidhle:Eisimpleir.png|link=Name of page|Caipsean]] eisimpleir:
     
    Caisteal Inbhir Aora


  • Gailearaidh no grunn dealbhan còmhla


<gallery>
Faidhle:Eisimpleir.png|Caipsean
Faidhle:Eisimpleir2.png|Caipsean
</gallery>

Luchdadh Dealbhan Suas air Commons deasaich

‘S e an dòigh as sìmplidh an Upload Wizard a chleachdadh. Leugh an stiùireadh air na tha ceadaichte.

Cead agus còirichean deasaich

  • Cuimhnich: Chan fhaodar susbaint a sgaoileadh nuair nach eil na còraichean agadsa air an dealbh.

Na tha ceadaichte air Commons deasaich

  • Rudan a chruthaich thu fhèin. Tha seo a' gabhail a-steach dealbhan agus bhideothan de: daoine a tha ann an àiteachan poblach.
  • Dealbhan-camara de rudan nach eil fo chòir-lethbhreac (copyright)
  • Obair dhaoine eile ma tha iad air an còirichean a leigeil seachad; gu bheil cead Creative Commons ann no gu bheil an saothar sa public domain.

Na rudan nach eil ceadaichte air Commons deasaich

  • Rudan a chruthaich daoine eile no a tha stèidhichte air obair dhaoine eile. Tha seo a' gabhail a-steach dealbhan-camara a thog thu air saothair dhaoine eile, me dealbh-camara de ealain. Chan eil a' mhòr-chuid de na dealbhan air an eadar-lìon ceadaichte.

Mur h-eil thu cinnteach gu bheil an rud ceadaichte gus nach eil, faodaidh tu ceist fhaighneachd air Commons:Help desk

Luchdadh suas deasaich

Mus tòisich thu:

  1. Tagh na faidhlaichean a tha thu airson a chur suas. Lorg càite a bheil am faidhle air a’ choimpiutair agad.
  2. Smaoinich air tiotal freagarrach. Feumaidh gur e tiotal air leth (nach eil air a chleachdadh mar-thà). Bu choir an tiotal bhith dèanamh soilleir na tha anns an ìomhaigh/bhideo/clàr.
  3. agus roinn-seòrsa (category) freagarrach. Thoir sùil air dealbh no ìomhaigh air Commons mar-thà a tha coltach ris an t-susbaint agad agus dè na roinnean-seòrsa a th’ acasan.
  4. Lean an stiùireadh aig an Upload Wizard.

Roinnean-seòrsa a dh’fhaodadh a bhith feumail:



Ceangal Dealbh ri Nì Wikidata deasaich

Nuair a thathas a' cur a' bhogsa eachdaidh-beatha an gnìomh, tha an còd a' tarraing dealbh bho Wikidata. Mura h-eil dealbh ceangailte ris an nì Wikidata, faodar fear a chur ris:

  1. Lorg an dealbh a tha thu ag iarraidh air Wikimedia Commons. Cùm nota air ainm an fhaidhle me. <Michaelmarra.pk (3).jpg>
  2. Theirig dhan duilleag Wikidata anns a bheil ùidh agad. Faodar a lorg air WikiData no air an duilleag Uicipeid, briog air Nì WikiData anns a' chlàr-iùil air an taobh chlì.
  3. Air an duilleag WikiData, fon earrann Statements, bidh liosta de dh’fhiosrachadh ann am bogsaichean.
  4. Aig bonn an liosta, bidh an ceangal ‘[add]’. Briog air seo.
  5. Far a bheil am bogsa ‘property’ a’ nochdadh, cuir a-steach ‘image’ no ‘P18’ – an àireamh airson ìomhaighean.
  6. Ri a thaobh, cuir a-steach ainm an fhaidhle mar a tha e a’ nochdadh air WikiCommons me. Michaelmarra.pk (3).jpg'
  7. Briog air ‘save’. Nochdaidh an dealbh gu fèin-obrachail anns a’ bhogsa eachdraidh-beatha air Uicipeid.

Airson am fiosrachadh seo a leughadh le dealbhan, faic

 
Bileag-iùl mu dhealbhan air WikiData.