Susbaint Cleachdadh Uicipeid Deasachadh Puingean cudromach Fòrmatadh Cruthachadh cunntais Duilleagan Deasbaireachd


Faodaidh neach sam bith deasachadh Uicipeid, ceart gu leòr, ach bidh tairbhe ann ma chruthaicheas tu cunntas pearsanta


Tairbhe a' chunntais

deasaich

Le cunntas pearsanta gheibh thu cothrom air:

  • duilleag a' chleachdaiche agad fhèin
  • duilleag dheasbaireachd agad fhèin, bidh e nas fhasa naidheachd a chur thugad
  • post-d fhaighinn no sgrìobhadh bho/gu neach-chleachdaidh eile (ma chuireas tu do phost-d ris a' chùnntas agad)

An dèidh ceithir làithean:

  • duilleagean a ghluasad gu ainm eile
  • faidhlichean a luchdachadh a-nuas


Cruthaich cunntas ùr

deasaich
  • Briog air cruthaich cùnntas ùr aig bàrr na duilleige
  • An uair sin sgrìobh an CAPTCHA (na litrichean a tha rim faicinn an seo) ann
  • Cuir an t-ainm-cleachdaiche a tha thu ag iarraidh ann
  • Cuir am facal-faire agad ann agus sgrìobh a-rithist e anns an ath-loidhne
  • 'S e taghaidhean roghainneil a tha ann an: “post dealain” is “cuimhnich air logadh a-steach”. Faodaidh tu an atharrachadh an dèidh làimh cuideachd.
    • Post dealain: 'S urrainn dhut leigeil le daoine eile post-dealain a chur thugad tro cheangal air an duilleag agad. Chan fhaicear an seòladh fhèin nuair a chuireas cuideigin post-dealain thugad. Chan leig thu leas post-dealain a chur ann ach bidh feum air ma dhìochuimhnicheas tu am facal-faire agad 's ma dh'iarras tu fear ùr.
  • Mu dheireadh thall briog air “cruthaich cunntas ùr”. Sin e!
  • An ath-thuras ma sgrìobhas tu ann an Uicipeid, faodaidh tu log a-steach dìreach leis an ainm-cleachdaiche agus am facal-faire agad.

Duilleagan air do shon

deasaich

Ma bhios tu logadh a-steach chì thu ceanglaichean aig bàrr na duilleige:

  • d' ainm-cleachdaiche: an duilleag phearsanta agad
  • Deasbaireachd: an duilleag deasbaireachd agad
  • An raon-cluiche: àite far am b' urrainn dhut cluich agus dreachdan fheuchainn
  • Na roghainnean agam: duilleagan airson facal-faire atharrachadh, post-dealain a chur ris/atharrachad amsaa
  • An clàr-faire: liosta nan duilleagan air a bheil thu ag iarraidh sùil a chumail
  • M' obair: liosta nam mùthaidhean a rinn thu

'S iad na duilleagan pearsanta agad a bhios gad chuideachadh leis an obair ann an Uicipeid.


an ath-cheum: Duilleagan Deasbaireachd