Cnoc na Fèille
Òran glè thaitneach le Runrig, còmhlan-ciùil Ceilteach às an Eilean Sgitheanach. 'S ann mu dheidhinn tachartas neònach ann an Uibhist a Tuath, nuair a chunnaic cuid de dhaoine, gu h-àraidh cuid leis an dara shealladh no an dà-shealladh mar a chanar ann an Uibhist, solais a' siubhail faisg air Cnoc na Fèille. 'S e deagh oidhirp a th' anns an òran seo airson òran luaidh a dhèanamh ann an dòigh ùr, nuadh.
Faclan
deasaichGun dragh gun d' chuir e an t-eagal oirnn
Solas Cnoc na Fèille
Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.
Bha feadhainn ann a chunnaic e
'S càch ag innse nam breugan
Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.
Ach muinntir an dà-shealladh
Chitheadh iadsan co-dhiù e
Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.
Tha lach is gèadh is curracag
Nan caraidean air a' mhachaire
Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.
Tha feannag air a crochadh suas
Ceangailte le ròpa
Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.
Tha coineanach sa ghainmheach
Na sheasamh, abair urchaire
Hogainn o ro ho ro illean ho ro eile.
- Seist Hogainn o, hogainn o, ho ro ho ro illean
Hogainn o, ho ro illean, hogainn o horainn o.